Iarrtas 'son Gàrradh Chiseoirn a leudachadh

Published
image copyrightPort Chiseoirn Eta

Chaidh cead iarraidh airson doca-tioram Chiseoirn air taobh siar Rois a leudachadh.

Bidh an gàrradh comasach air structaran mòra mara, leithid shoithichean 250m (820tr) de dh'fhaid a dhì-choimiseanadh ma thèid cead a thoirt seachad.

Gabhaidh an gàrradh an-dràsta soithichean suas ri 160m (525tr) de dh'fhaid.

Dh'fheumte pàirt den mhonadh ri làimh a ghearradh a-mach airson an doca a leudachadh.

Thuirt Port Chiseoirn Eta gun ceadaicheadh an obair cuideachd dhaibh a bhith a' làimhseachadh chùmhnantan bho roinn a' chumhachd ath-nuadhachail.

Beachdaichidh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd air na molaidhean an ath-sheachdain, agus oifigich air moladh gun toir iad cead seachad.

Fhuair an gàrradh a' chiad chùmnant mòr aca bho ghnìomhachas na h-ola 's a' ghas ann an còrr is 40 bliadhna, o chionn dà bhliadhna.

Chaidh Clàr Ola Ninian Central a thogail anns a' ghàrradh anns na 1970an - an structar concrait air-bhog as motha san t-saoghal, le 600,000 tunna de chuideam ann.

Chaidh an gàradh a chleachdadh ann an 2019 airson an clàr-tollaidh leth-bhogte as motha san t-saoghal, an Ocean GreatWhite, a chàradh.