Manifesto nan Uaineach ga fhoillseachadh

Published
media captionCoinneach Combe a' bruidhinn mu Mhanifesto Phàrtaidh Uaine na h-Alba.

Chuir Pàrtaidh Uaine na h-Alba planaichean an cèill airson "ath-shlànachadh uaine eaconomaich" an dèidh pandemic Chovid-19, 's iad ag ràdh gun cruthaicheadh sin còrr iar 100,000 cosnadh.

A' foillseachadh manifesto an taghaidh aca, tha am pàrtaidh ag iarraidh "cruth-atharrachadh bunaideach air an eaconomaidh, agus air a' chomann shòisealta againn" airson a' chùis a dhèanamh air Atharrachadh na Gnàth-Shìde.

Am measg seo, bhiodh £7.5bn de mhaoineachadh airson còmhdhail phoblaich agus cumhachd ath-nuadhachail.

Dh'iarradh na h-Uainich cuideachd referendum eile air neo-eisimeileachd do dh'Alba san ath chòig bliadhna, ma chuireas mòr-chuid an taic ri sin.

Thuirt co-cheannardan a' Phàrtaidh, Pàdraig Harvie agus Lorna Slater, nach tabhainneadh iad leisgeul sam bith airson phlanaichean radaigeach "a dh'iarradh air an fheadhainn as beartaiche barrachd a phàigheadh" agus a ghabhadh barrachd air iasad.

Thuirt iad gu bheil "atharrachadh riatanach" ma tha Alba a' dol a dhèanamh a' ghnothaich air na dùbhlain a tha romhpa a thaobh an eaconomaidh ath-thogail, a bhith a' dèilgeadh ri èiginn na gnàth-shìde, agus a bhith a' ceartachadh na neo-ionnanachd a tha a' sìor fhàs agus a bheir cothroman beatha air falbh bho cus dhaoine.

Leughar am manifesto air fad, sa Ghàidhlig an seo

Tha na h-Uainich an dòchas gun dèan iad nas fheàrr na an sia seataichean a bhuannaich iad aig an taghadh mu dheireadh ann an 2016, agus tha iad air ath-shlànachadh na h-eaconomaidh aig cridhe a' mhanifesto aca. Tha iad ag iarraidh "gnìomh daingeann, dàna bho Riaghaltas na h-Alba, sa bhad".

Mhol iad plana in-ionmhais bhun-structair airson an ath-sheisean den Phàrlamaid, a' gabhail a-steach £3.2bn airson còmhdhail phoblaich, £450m do phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail, agus £895m airson an àrainneachd nàdarra a shlànachadh.

Tha am manifesto aca ag ràdh gum faodadh na pròiseactan seo "còrr air 100,000 cosnadh uaine" a chruthachadh, a thuilleadh air "aonta ùr don luchd-obrach" a ghealltainn, le àrdachadh sa bhun-thuarastal, agus gluasad gu seachdain-obrach ceithir làithean gun pàigheadh a chall.

Mhaoinicheadh iad na planaichean seo, tha iad ag ràdh, le bhith a' toirt "ath-leasachaidh bhunaidich" air siostam nan cìsean, air a stiùireadh le seanadh shaorannach.

Ghabhadh seo a-steach "cìs bheartais" bhliadhnail air maoin còrr air £1m, cìs air taighean-còmhnaidh an àite Cìs na Comhairle, agus cìs shònraichte aon turas air companaidhean mòra a rinn "prothaidean neo-àbhaisteach mòr" tron Phandemic.

Tha na h-Uainich cuideachd ag iarraidh gun tèid cumhachd ath-nuadhadhach a leudachadh gu mòr, le 200 crann-gaoithe gan togail gach bliadhna airson deich bliadhna - a' toirt dùblachaidh air meud a' ghnìomhachais.

Tha iad a cuideachd airson siostaman cumhachd na tìde-mara a leudachadh, fhad 's a lùghdaichear na thig de dh'ola is de ghas bhon Chuan a Tuath - le casg air ceadan ùra airson rannsachadh a dhèanamh air na tha de dh'ola is de ghas fhathast ann, agus stad ga chur air subsadaidhean is faochadh cìse don ghnìomhachas.

Tha am pàrtaidh cuideachd a' moladh:

gum fastar 5,500 tidsear a bharrachd

còmhdhail phoblach nas saoire, le in-ionmhas san ùine fhada air lìonra na rèile

cìs air feadhainn a bhios a' sgèith tric gu h-eadar-nàiseanta

84,000 dachaigh a thogail airson màil shòisealta ro 2033

smachd air màl agus riaghladair ùr do roinn a' mhàil phrìobhaidich

co-dhiù dà phàirce nàiseanta ùr agus seirbheis mhaor-dùthcha ùr

50,000 hectare de choille fo shealbh a' phobaill

laigsean ann an laghan an aghaidh sealg shionnach, agus casg air sealg na circe-fraoiche

Tha na h-Uainich taiceil do neo-eisimeileachd do dh'Alba, 's iad ag iarraidh gun tèid referendum ùr a chumail air a' chùis an taobh a-staigh an ath-sheisein de Holyrood ma tha "mòr-chuid shìmplidh" de BhPA airson sin.

Thuirt am pàrtaidh gur e neo-eisimeileachd "a-niste ar slighe air ais gu ruige ballrachd san EU" agus gun toireadh e "na cumhachdan agus na comasan a bhith na treòiriche a thaobh atharrachadh gu eaconomaidh neo-chàrbonach".