Ceannardan poileataigeach a' dèanamh luaidh air Diùc Dhùn Èideann

Published
image copyrightGetty Images

Tha luchd-poileataigs ann am pàrlamaidean agus seanaidhean na Rìoghachd Aonaichte a' cruinneachadh airson urram a thoirt do Dhiùc Dhùn Èideann.

Chaidh Taigh nan Cumantan, Pàrlamaid na h-Alba agus an Seanadh ann an Cardiff ath-ghairm a dh'aona-ghnothach.

Bha Seanadh Èirinn a Tuath agus Taigh nam Morairean cuideachd a' comharrachadh beatha a' Phrionnsa Philip, a chaochail Dihaoine aig aois 99.

Thèid tìodhlaigeadh an diùc a chumail Disathairne.

image copyrightTim Graham / Getty Images
image captionA' Bhanrigh agus am Prionnsa Philip ann an 2007 a' comharrachadh gun robh iad 60 bliadhna pòsta

Là na Sàbaid, thuirt Diùc York gun tuirt a' Bhanrigh gun do dh'fhàg bàs a cèile-pòsta airson 73 bliadhna "beàrn mhòr na beatha".

Thuirt am Prionnsa Anndra gur e "call uabhasach" a bh' ann am bàs athar, agus gun robh an teaghlach a' tarraing còmhla airson taic a thoirt dhan Bhanrigh.

Thuirt a' Bhana-phrionnsa Rìoghail gur e "tidsear, fear-taic agus fear-càinidh" a bha na h-athair dhi.

Air làrach-lin an Teaghlaich Rìoghail, thuirt a' bhana-phrionnsa gun robh i airson eisimpleir a h-athar a leantainn de "bheatha mhath agus a bhith a' toirt seachad seirbheis".

image copyrightGetty Images

Soraidh slàn

Chaidh caoidh nàiseanta a ghairm an dèidh bàs a' Phrionnsa Philip agus leanaidh sin gus an tèid a thìodhlaigeadh Disathairne.

Cumar mionaid de shàmhchair air feadh na dùthcha mus tòisich an t-seirbheis aig 15:00f.

Bidh Diùc Shussex an làthair agus cha bhi a bhean, Bana-Dhiùc Shussex, a bhios a' fuireach aig an taigh ann an California agus dùil aice ri leanabh.

Dh'fhàg am prionnsa fhèin stiùireadh airson an tìodhlaigidh agus 's e cuirm cho sìmplidh 's s a ghabhadh airson tachartas rìoghail a bu mhiann leis.

Coisichidh buill an Teaghlaich Rìoghail air cùl na ciste a bhios air a giùlan air Land Rover, carbad air an robh e gu sònraichte measail air sgàth na seirbheis airm aige.

Air sgàth bhacaidhean Covid cha bhi ann ach dlùth chàirdean agus caraidean.