Fearg mu dhàil an cùis Chameron House
- Published
Thuirt tè a thàinig beò à teine taigh-òsta Chameron House nach eil i idir a' tuigsinn ciamar a thug e trì bliadhna cùis-lagha mu na thachair a thoirt gu cùirt.
Bha Hannah Munns a' bruidhinn às dèidh dha tighinn am bàrr gun do chuir eòlaiche neo-eisimeileach aithisg a-steach mun teine còig mìosan às a dhèidh.
Thuirt an duine a rinn an aithisg sin, Andrew Wade, gur e rannsachadh "an ìre mhath sìmplidh" a bh'ann.
Bhàsaich Simon Midgley agus Richard Dyson anns an teine aig an taigh-òsta air taobh Loch Laomainn san Dùbhlachd 2017.
Mì-chinnt
Thòisich an teine nuair a chuir fear den luchd-obrach baga luaithre ann am preas.
Chaidh binn a chur air a' chompanaidh agus dithis luchd-obrach san Fhaoilleach am-bliadhna airson fàiligidhean às an do dh'èirich an teine.
Cha robh fios aig teaghlaichean an fheadhainn a chaill am beatha agus na daoine a thàinig às an teine beò ge-tà, air dad mu dè dh'adhbhraich an teine gus an do nochd am fiosrachadh sa chùirt san Dùbhlachd 2020.
Thuirt Hannah Munns nach gabh a thuigsinn cho fada 's a thug e a' chùis a thoirt gu cùirt.
"Thug a' mhì-chinnt air dè dh'adhbhraich an teine, dè an cunnart a bh'ann, thug e buaidh mhòr air mo shlàinte inntinn.
"Chan eil mi ga thuigsinn agus an àmhghar a tha air a bhith an lùib seo do dhaoine.
"Bidh mi a' bruidhinn ri Jane, màthair Simon Midgley, agus tha e air a bhith dìreach uabhasach dhi feuchainn ri tuigse fhaighinn air dè thachair is carson nach eil a mac a' tighinn dhachaigh.
"Chan fhaic mi gu bheil deagh adhbhar ann carson a thug seo cho fada", thuirt i.
Tha Ms Munns ag ràdh gum bu chòir Rannsachadh Tubaist Bàsmhor a bhith ann mun teine.
Tha dùil ri co-dhùnadh a thaobh sin ro dheireadh na mìos.
Mionaideach
Thuirt Oifis a' Chrùin gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil an uine a thathas a' toirt air rannsachaidhean a' toirt buaidh air an fheadhainn a tha an sàs.
Thuirt iad gu bheil iad an còmhnaidh ag amas air rannsachaidhean a thoirt gu ceann cho luath 's a ghabhas.
Dh'innis iad gun robh iad a' bruidhinn tric ri teaghlaichean Simon Midgley agus Richard Dyson.
Thuirt iad gu bheil na ditidhean mar thorradh air rannsachadh gu math mionaideach.