Call £4m an cois na mì-chinnt mu shiubhal dha na h-eileanan

Published
image captionTha e coltach gu bheil mòran luchd-turais air an turas chun nan eilean a chur dheth.

Tha Buidheann Turasachd Innse Gall ag ràdh gu bheil gnìomhachasan air £4m a chall air sgàth na mì-chinnt a tha ann a thaobh casg air siubhal dha na h-Eileanan Siar aig deireadh a' Ghiblein.

Chan eil e ceadaichte an-dràsta do dhaoine siubhal gu na h-Eileanan neo falbh às an sgìre gun deagh adhbhar.

Thèid an casg air daoine ann an Alba bho bhith a' siubhal a-mach às an sgìre comhairle aca a thogail aig deireadh a' Ghiblein, ach cha tàinig dearbhadh fhathast dè thachras anns na h-Eileanan an Iar, cho math ri eileanan eile air a' Chosta an Iar agus Archaibh agus Sealtainn.

Tha gnìomhachasan turasachd anns na h-Eileanan an Iar ag ràdh gu bheil sin a' fàgail gu bheil mòran de luchd-turais ris an robh dùil aca air na tursan aca a chur dheth.

Dàil chosgail

Thuirt Raibeart MacFhionghain bho Bhuidheann Turasachd Innse Gall gu bheil a' mhì-chinnt mu dè an ìre de shiubhal eadar eileanan agus tìr-mòr a bhios ceadaichte aig deireadh a' Ghiblein agus an dìth adhartais air a' cheist air a bhith cosgail.

"Fhad 's a tha sinn a' feitheamh airson fios bhon Riaghaltas tha sinn a' call mu £1m san t-seachdain le daoine a' cur dheth an tursan. Tha sin air a bhith a' dol airson ceithir seachdainnean agus, mar sin, 's e mu £4m a tha sin."

Thuirt neach labhairt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air a bhith a' còmhradh ri buidhnean sna h-eileanan mun chùis ach gum feumadh iad comhairle eòlaichean a leantainn a thaobh cuine a bhiodh e sàbhailte bacaidhean a lagachadh.

Thuirt iad gun robh iad air co-chomhairleachadh a dhèanamh agus gun tigeadh co-dhùnadh a dh'aithghearr.