Crathadh mòr a' tighinn air Gasaet Steòrnabhaigh

Published
image captionTha crathadh mòr a' tighinn air Gasaet Steòrnabhaigh

Tha crathadh mòr a' tighinn air Gasaet Steòrnabhaigh, pàipear-naidheachd ionadail nan Eilean Siar, a chaidh a stèidheachadh ann an 1917.

A' tòiseachadh an ath-sheachdain, bidh sgioba ùr ga dheasachadh ann an Leòdhas fhèin.

'S ann leis a' bhuidhinn JPI Media a tha an Gasaet, no Johnston Press mar a bh' orra roimhe.

Bha iad ann an staing mhòr an-uiridh nuair a chaidh an gabhail a-nall le National World, companaidh mhòr ann an saoghal nam meadhanan.

Tha iadsan a' gealltainn ionmhais agus taic agus tha sgioba ùr gu bhith a' deasachadh a' Ghasaet ann an Leòdhas leis an amas ath-bheòthachadh a thoirt air pàipear air an robh uaireigin meas mòr sa choimhearsnachd.

Sgioba ionadail

'S e Brian MacUilleim, a' chiad deasaiche air Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse, agus am fear-naidheachd Leòdhasach Murray MacLeòid a bhios an ceann na sgioba ùir.

Tha Mgr MacUilleim an-diugh na chathraiche air Companaidh Clò Innse Gall agus tha colbh aige gach seachdain san Scotsman, fear de phàipearan-naidheachd eile JPI Media.

Tha Murray MacLeòid na fhear-naidheachd ag obair air a cheann fhèin agus tha an dithis aca eòlach air a bhith ag obair le chèile air a' Phaipear Bheag.

Bidh oifis aca ann an Steòrnabhagh le luchd-obrach eile airson dèiligeadh le sanasan am measg eile.

Linn ùr

Bha là ann nuair a bhiodh muinntir nan Eilean Siar a' dèanamh fiughair ris a' Ghasaet gach seachdain ach bhiodh e fìor a ràdh gun tug an crìonadh ann an saoghal nam pàipearan-naidheachd droch bhuaidh air agus air a chliù.

Tha an sgioba ùr a' faireachdainn nach eil adhbhar dhan phàipear-naidheachd a bhith idir cho truagh agus gun gabh sin cur ceart le daoine ag obair sna h-eileanan (rud nach eil ann an-dràsta) aig a bheil tuigse air an àite, agus air obair naidheachd.

Am measg na tha san amharc aca 's e leudachadh a thoirt air taobh an eadar-lìn dhen phàipear leis gur ann mar sin a tha mòran san là a th' ann a' faighinn nan naidheachdan.

Tha misneachd aig an sgìoba ùir gun gabh pàipear ionadail ceart dèanamh dheth, agus gun gabh a chur aig cridhe na coimhearsnachd aon uair eile.

"Luach"

"Tha na daoine ùra (aig JPI Media) a' faicinn an luach a th' ann an obair-naidheachd aig ìre ionadail agus cho cudromach 's tha e dha coimhearsnachdan", thuirt Murray MacLeòid.

"Tha am pàipear gu bhith air a dhèanamh anns na h-Eileanan. Tha sinn a' dol a dh'fhosgladh oifis ann an Steòrnabhagh cuideachd. Chan eil àite againn fhathast ach tha sinn a' coimhead an-dràsta.

"Tha sinn cuideachd gu bhith a' coimhead air luchd-obrach 'son dèiligeadh ri na sanasan agus tha sin cha mhòr cho cudromach, agus ann an dòigh nas cudromaiche na fiù 's na naidheachdan fhèin.

"Tha e cho cudromach 's a ghabhas gum faigh daoine air an eilean air am fòn a thogail agus bruidhinn ri cuideigin air an eilean, cuideigin a tha a' tuigse dè tha iad ag iarraidh a thaobh sanasan is fiosrachaidh", thuirt e.

Seasamh

Thuirt Mgr MacLeòid gun tig dearbhadh fhathast air cò bhios a' sgrìobhadh dhan phàipear, ach dh'innis e gum bi Eric MacFhionghain a' tilleadh mar fhear-deasachaidh na spòrs.

Gheall e cuideachd barrachd bho stòras a' phàipeir.

Chaidh e às àicheadh gum bi seasamh poiltigeach stèidhichte aig a' Ghasaet.

"Chan e sin an t-amas an seo idir. Tha Brian MacUilleim aithniche mar fhear-poilitigeach làidir ach 's e an t-amas an seo 's e pàipear-naidheachd ionadail ceart.

"Na seirbheisean a tha pàipear-naidheachd ionadail a' toirt seachad, mar eisimpleir fiosrachadh anns na coimhearsnachdan; rudan mar bhàsan is tiodhlaigaidhean.

"'S e sin an rud a tha riatanach a thoirt air ais.

"'S e an t-amas an seo am pàipear a thogail a-rithist ach chan obraich e ma nì thu seasamh poiltigeach mar sin", thuirt e.