An Taghadh 2021: Ciamar a thèid agam bhòtadh?

Published
image copyrightGetty Images
image captionPàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann

Le taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba air fàire, seo beagan fiosrachaidh a dh'fhaodadh a bhith na chuideachadh.

Ciamar a thèid agam bhòtadh?

'S e Diardaoin an 6mh là den Chèitean là an taghaidh ann an Alba.

Ma tha thu airson bhòtadh feumaidh tu a bhith co-dhiù 16 bliadhna de dh'aois air là an taghaidh. Agus feumaidh tu a bhith nad shaorannach de Bhreatainn no Èirinn, air neo nad shaorannach de dhùthaich eile a tha a' fuireach ann an Alba, le cead a bhith a' fuireach an seo.

Feumaidh tu clàradh, aig seòladh Albannach, ro làimh. 'S urrainn dhut clàradh airson bhòtadh ged nach biodh tu fhathast ach 15. Feumaidh tu chlàradh ron 19mh den Chèitean.

Faodaidh tu baileat tron phost iarraidh, agus tha dùil gun dèan tòrr sin am-bliadhna, air sgàth a' Phandemic.

Air neo faodaidh tu bhòtadh aig stèisean-bhòtaidh air là an taghaidh, eadar 07:00m agus 10:00f.

Ciamar a lìonas mi a-mach baileat?

Ann an taghaidhean airson Pàrlamaid na h-Alba tha dà shiostam bhòtaidh gan cleachdadh. Mar sin tha dà bhaileat eadar-dhealaichte agad.

Air a' chiad fhear bidh ainmean nan tagraichean.

Agus air an dàrna fear 's e dìreach ainm a' phàrtaidh a bhios a' nochdadh.

Bhòt dìreach airson aonan air gach baileat.

Tha làn-chead agad bhòtadh airson tagraiche bho aon phàrtaidh air a' chiad bhaileat agus an uair sin pàrtaidh gu tur eadar-dhealaichte air an dàrna fear.

Agus mura h-eil thu ag iarraidh, chan fheum thu innse do dhuine sam bith mar a bhòt thu.

'S e do roghainn fhèin a th' ann.

image copyrightGetty Images
image captionThèid 129 de bhuill-phàrlamaid Albannach a thaghadh air an 6mh den Chèitean.

Ciamar a thèid buill-phàrlamaid a thaghadh?

Tha 129 buill-phàrlamaid ann am Pàrlamaid na h-Alba agus thèid gach fear, no tè, dhiubh a thaghadh air an aon là.

Ach tha dà shiostam bhòtaidh gan cleachdadh.

Tha an dùthaich air a roinn ann an dà dhòigh eadar-dhealaichte.

Tha 73 roinnean pàrlamaid ann. Anns gach roinn-phàrlamaid 's e an tagraiche a gheibh an àireamh as motha de bhòtaichean a bhuannaicheas. Tha seo coltach ris an t-sìostam bhòtaidh airson Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ann an Westminster.

A bharrachd air roinnean-pàrlamaid, tha Alba cuideachd air a roinn ann an ochd sgìrean. Thèid seachdnar bhall-pàrlamaid a bharrachd a thaghadh gus gach sgìre a riochdachadh.

Can gu bheil mi a' fuireach agus a' bhòtadh ann an Inbhir Nis. Tha cothrom agam bhòtadh airson tagraiche ann an roinn-phàrlamaid Inbhir Nis agus Inbhir Narann.

An uair sin tha cothrom agam, leis an dàrna bhòt, a bhith a' bhòtadh airson pàrtaidhean airson sgìre na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Mar sin tha dà bhòt agad, agus aig a' cheann thall bidh ochdnar bhall-pàrlamaid gad riochdachadh.