Corra Cheist

Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach

Published
image copyrightPA Media
image captionThèid Taghadh na h-Alba a chumail Diardaoin 6mh Cèitean 2021

Aig toiseach gach iomairt taghaidh tha sreath cheistean nach tèid a fhreagairt gu là na bhòt. Thig cuid dhiubh gu bàrr a h-uile turas ach tha cuid eile a dh'atharraicheas bho thaghadh gu taghadh. Seo corra cheist ro thaghadh Albannach a' Chèitein:

  • Am bi mandait airson dàrna reifrinn air an neo-eisimeileachd?

Chan eil aonta air an ìre de thaic a bhios a dhìth gus mandait fhaighinn airson dàrna reifrinn. Ghabh Dàibhidh Camshron ris gun robh mandait aig Riaghaltas na h-Alba às dèidh mar a fhuair an SNP mòr-chuid aig taghadh 2011. Bho 2016 tha an SNP agus na h-Uainich air cumail a-mach gur e mòr-chuid de bhuill anns a' Phàrlamaid a tha a dhìth ge b'i an tig iad bho aon phàrtaidh no barrachd. Cha bhi mòr-chuid sam bith - fiù 's sàr-mhòr-chuid - a' fàgail gum feum Boris Johnson gabhail ri dàrna reifreann. Ach aig toiseach na h-iomairt seo tha Nicola Sturgeon a' cur cuideim air ceist na neo-eisimeileachd agus co-dhiù leth-shùil aice air an argamaid a bhios ann ma thèid leatha air an 6mh den Chèitean.

  • Cia mheud neach a bhòtas?

An glac an taghadh seo aire an t-sluaigh? Tha na pàrtaidhean a' trod mun dòigh as fheàrr an dùthaich ath-thogail às dèidh ChOVID-19. Ach am bi cuid ro thùirseach a dhol an sàs idir - no ro iomagaineach a dhol do na h-ionadan-bhòtaidh às dèidh bliadhna aig an taigh? Aig taghaidhean eile anns an Roinn Eòrpa am-bliadhna chunnacas àireamhan luchd-bhòtaidh na b' ìsle nan àbhaist mar thoradh air a' Choròna-bhìoras. Ma dh'fhaoidte gun toir a' bhanachdach barrachd earbsa do dhaoine sin a dhèanamh mus tig là an taghaidh an seo. Co-dhiù, tha oidhirpean daoine a bhrosnachadh bhòtadh tron phost. Dh'fhaodadh àireamhan ìosail aig na bocsaichean-baileit buaidh a thoirt air argamaid sam bith a leanas mu thaic no mandait.

  • Ciamar a thèid do na ceannardan ùra?

Tha dithis a' dol a-steach don taghadh seo mar cheannardan ùra: Anas Sarwar do na Làbaraich agus Douglas Ross do na Tòraidhean. Air iomadh adhbhar, saoileam gu bheil barrachd uallaich air Mgr Ross. Thàinig Mgr Sarwar air adhart às dèidh do Richard Leonard fàgail; fhuair Mgr Ross an dreuchd às dèidh mar a chaidh Jackson Carlaw a phutadh a-mach. Tha Mgr Sarwar cho ùr na dhreuchd nach tèid a choireachadh gu h-iomlan airson droch thoraidh; tha Mgr Ross a' sireadh àite aig Holyrood bho thaobh a-muigh gun chothrom fàs cleachdte ris a' cheasnachadh gach seachdain aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir. Ach a dh'aindeoin sin, tha amas Mhgr Ross aig an taghadh seo nas sìmplidhe: luchd-taic an Aonaidh a thoirt còmhla fon aon bhrataich mar a rinn Ruth Davidson, gu ìre, ann an 2016. Aig an ìre thràith seo den iomairt is coltach gu bheil Mgr Sarwar ag amas air rudeigin nas duilghe: an deasbad a ghluasad air falbh bhon bhun-reachd gus taic fhaighinn bho dhaoine air gach taobh den sgaradh sin, gu h-àraid an luchd-bhòtaidh a chaill na Làbaraich don SNP às dèidh 2014.

  • An dèan na Lib-Deamaich no na h-Uainich adhartas an turas seo?

Is e Willie Rennie an ceannard as fhaide na dhreuchd aig Holyrood agus e a' comharrachadh deich bliadhna bho ghabh e an stiùir bho Tavish Scott. Tha Mgr Rennie comasach aig Àm nan Ceist ach dh'fhaillich air aig am an taghaidh càil den talamh a chaill na Lib-Deamaich ann an 2011 a chosnadh air ais. (Tha fios agam, b' e an t-aonta leis na Tòraidhean aig Westminster a rinn sgrios orra, ach mar a thuirt Mgr Scott aig an àm cha b' e ainm Nick Clegg a bha air a' phàipear-bhaileit, ach ainm fhèin).

Tha taic nan Uaineach sgapte air feadh na dùthcha agus tha an iomairt acasan an crochadh air bhòt na liosta. Dh'fhaodadh dìreach beagan phuingean de thaic an diofar a dhèanamh dhaibh eadar adhartas agus tuiteam air ais. Tha barrachd phàrtaidhean a' sabaid aig an taghadh seo airson an dàrna bhòt fhaighinn bho luchd-taic na neo-eisimeileachd agus tha an SNP ag iarraidh air na bhòtas dhaibhsan gun an dà bhòt a roinn eadar diofar phàrtaidhean. Bidh na h-Uainich an dòchas gun glèidh iad an luchd-bhòtaidh acasan agus gur dòcha gur e seo a' bhliadhna anns am bris iad troimhe.

  • An till Alex Salmond...a-rithist?

Tha Nicola Sturgeon air draghan a thogail mu chothromachd tilleadh Mhgr Salmond ri linn cheistean mun dol-a-mach phearsanta aige. Tha an seann phrìomh mhinistear ag ràdh - mar a shaoileadh tu - gu bheil e airson gluasad air adhart bho na ceistean sin, a' cumail a-mach gun deach am freagairt ann an Cùirt an t-Seisein agus ann an dà rannsachadh fa leth. Leis an fhìrinn innse, chan eil fhios againn a bheil taic gu leòr air fhàgail aige gus tilleadh do Holyrood airson na treas uarach. Bidh a dh'aithghearr.

Sin cuid de na ceistean a tha agamsa. Sin agus cò bhios gar riochdachadh agus gar riaghladh anns an t-siathamh Pàrlamaid Albannaich o chaidh a h-ath-stèidheachadh ann an 1999.

Freagairtean ri thighinn.