Rannsachadh nan gartan

Published

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gur dòcha gur e aimsir fhliuch is bhlàth an cois na mara as coireach gu ìre gu bheil an gartan cho pailt anns na h-Eileanan Siar.

Tha an gartan, bho bheil tinneas Lyme a' tighinn, cumanta gu leòr ann an coilltean.

Bha luchd-rannsachaidh bho Oilthighean Ghlaschu agus Liverpool, còmhla ri NHS nan Eilean Siar, a' ceasnachadh carson a tha tinneas Lyme cho lìonmhor anns an h-eileanan far nach eil mòran chraobhan.

Fhuaireadh roimhe gu bheil tinneas Lyme 40% nas bitheanta ann am feadhainn de na h-eileanan na tha san fharsaingeachd air Tìr-Mòr na h-Alba.

Tha Iseabail NicAonghais na nurs os cionn slàinte a' phobaill aig NHS nan Eilean Siar is i air a bhith a' sgrùdadh cho pailt 's a tha an gartan anns na h-Eileanan 'son ùine.

Aimsir

Dh'innis i mar a rinn luchd-rannsachaidh ceangal eadar na gartain anns na h-Eileanan an Iar agus an aimsir.

"Cha toil leis na gartain idir a bhith tioram. 'S fheàrr leotha a bhith fliuch is mar sin tha an aimsir againn ann a' sheo uabhasach fhèin math airson na gartain a chumail beò.

"Chan eil tòrr rannsachaidh air a bhith air a dhèanamh air àiteachan far nach eil tòrr chraobhan, tha mi a' smaointinn gur e seo a' chiad sheòrsa rannsachaidh ann an àite mar seo.

"Feumaidh sinn a-nise faicinn an tòisich àiteachan eile rannsachadh a dhèanamh nuair a leughas iad am pàipear seo", thuirt i.

Thog luchd-rannsachaidh cuideachd air mar a bha tòrr anns na h-Eileanan a' togail ghartan faisg air na taighean aca fhèin.

Thuirt Iseabail NicAonghais gum bu chòir do dhaoine beathaichean a chumail a-mach às na gàrraidhean aca, is feuch gun àiteachan fliuch fhàgail far am bi gartain a' tighinn beò.

Thuirt i cuideachd gum bu chòir do dhaoine sgrùdadh a dhèanamh tric air an craiceann fhèin 'son ghartan, is a bhith mothachail gun urrainn coin is cait gartain a thoirt a-steach a thaighean.

Dh'innis i cuideachd gu bheil e follaiseach gu bheil an leigheas a thathas a' toirt do bheathaichean gus gartain a mharbhadh a' toirt buaidh air a' ghnothach.

Marbhadh

"Bha an luchd-rannsachaidh a' bruidhinn mu dheidhinn aon chroit agus a' chiad bhliadhna fhuair iad an t-uabhas de ghartain is àireamh gu math àrd dhiubh air an robh an galar.

"An ath-bhliadhna chaidh iad dhan aon àite is cha do thog iad aon ghartan. Nuair a bhruidhinn iad ris na daoine leis an robh a' chroit, fhuair iad a-mach gun robh caoraich air a bhith air a' chroit is gun do ghluais iad na caoraich deich là mun tàinig na h-oileanaich.

"Bha iad a' dèanamh a-mach gun do thog na caoraich na gartain leotha.

"Ma tha caora air leigheas fhaighinn airson nan gartan is ma chuireas tu air croit iad, tha na gartain uile a' dol chun nan caorach ach tha an leigheas a' marbhadh nan gartan", thuirt i.

Tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gun lean an sgrùdadh aca.