Ceann-bliadhna Chùil Lodair ga chomharrachadh air-loidhne

Published
image copyrightJohn Sinclair / Urras Nàiseanta na h-Alba

Dh'innis Urras Nàiseanta na h-Alba gun tèid ceann-bliadhna Bhlàr Chùil Lodair an ath-mhìos a chomharrachadh le tachartasan air-loidhne.

Thèid rannsachadh ùr fhoillseachadh mar phàirt den phrògram.

Tha 275 bliadhna ann bho bha Blàr Chùil Lodair ann.

Dh'innis an t-Urras gum bi tachartasan air loidhne a' dol tron là bho 11:00m Disathairne an 17mh den Ghiblean. Bha am blàr ann air an 16mh den Ghiblean 1746.

Nam measg bidh co-òbrachadh le Comunn Gàidhlig Inbhir Nis agus an t-seirbheis shònraichte acasan gus an fheadhainn a chaill am beatha sa bhlàr a chuimhneachadh.

image copyrightUrras Nàiseanta na h-Alba

Bidh òraid ann bho Mhàrtainn MacGriogair is bàrdachd ùr bho Mhaoilios Caimbeul.

Bidh òraidean ann cuideachd bho eòlaichean eachdraidh eile, a' coimhead am measg eile ri Teàrlach Èideard Stiùbhart fhèin agus ri rannsachadh àrc-eòlach mu làrach a' bhlàir.

A bharrachd air sin, bidh cothrom air deasbad air-loidhne air mar a ghabhas an làrach a dhìon is an t-Urras Nàiseanta ag ràdh gu bheil i ann an cunnart nas motha bho leasachadh na bha i a-riamh.

Tha iad a' cur air dòigh stòras airgid ùir is iad a' sireadh taic gus an làrach a dhìon.

Gheibhear am fiosrachadh air fad mun là is cothrom àite a chur air dòigh an seo.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh