"Spèis" aig na Gàidheil do nàdar

Published
image copyrightLorne Gill/Buidheann Nàdair na h-Alba
image captionBha na Gàidheal bho thùs a' toirt spèis do nàdar agus ag ainmeachadh àitean a rèir cruth na tìre mar a chìthear aig Glaic nam Muirsgein ann an Èirisgeigh.

Tha ainmean is beul-aithris nan Gàidheal a' sealltainn dhuinn cho cudromach 's a tha nàdar, agus na buannachdan na chois, air a bhith do na Gàidheil, a rèir aithisg ùir a dh'fhoillsich Buidheann Nàdair na h-Alba Diardaoin.

Le bacaidhean a' Ghlasaidh agus uallach air daoine mu Atharrachadh na Gnàth-Shìde, tha mòran air barrachd ùidh a shealltainn ann an nàdar agus barrachd meas a thoirt dha, a rèir na h-aithisg.

Tha i cuideachd a' sealltainn na tha de spèis air a bhith aig na Gàidheil dha nàdar bho linntean tràth na h-Alba.

Riatanach

Rinn an sgrìobhadair is neach-aithris Gàidhlig, Ruairidh MacIlleathain sgrùdadh air ainmean Gàidhlig sa chruth-tìre, beul-aithris, sgeulachdan, bàrdachd is òrain airson an aithisg a thoirt gu buil.

Lorg e an t-uabhas fianais air na dòighean a bha an saoghal nàdarra cudromach is luachmhor, mar eisimpleir, adhar glan, ùir thorrach is fiodha, cho math ri buannachdan spòrs is spioradail.

A rèir an rannsachaidh a rinn Mgr MacIlleathain, bha nàdar riatanach do na daoine anns na seann aoisean, agus na ginealaichean a lean iad a bha a' fuireach is a' tighinn beò ann an Alba.

"Tha an rannsachadh agam a' sealltainn gun robh nàdar fìor chudromach anns a' Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal ann an Alba a-riamh.

"Bha na sinnsearan againn glè eòlach air cho cudromach 's a bha na buannachdan an cois nàdair agus sinn fhìn san là an-diugh ag ionnsachadh às ùr mu cho cudromach 's a tha e nar beatha làitheil - mar a chì sinn anns na h-ainmean is sgeulachdan Gàidhlig a mhair anns an t-saoghal mu thimcheall oirnn.

Tobraichean

"Bha na Gàidheil eòlach air a' cheangal eadarainn uile agus an saoghal nàdarra agus gu bheil beatha dhaoine a' crochadh air nàdar - agus tha sin cho fìor san là an-diugh is a bha an uair ud," thuirt e.

Chaidh na ceudan de dh'ainmean co-cheangailte ri seirbheisean eag-shiostaim a lorg an cois rannsachadh na h-aithisg, a leithid biadh, fiodh, cungaidh-leigheis, connadh is freumhag.

Mar eisimpleir, bhiodh e glè choltach gum biodh iasg am pailteas ann an loch air a bheil ainm sa bheil am facal iasgach - mar eisimpleir, Loch an Iasgaich anns an Eilean Sgitheanach.

Tha iomadh ainm-àite ann co-cheangailte ri coilltean is craobhan, a tha ag innse dhuinn mun luach a chuir daoine orra o chionn fhada.

'S e as ciall don ainm Ceann a' Ghiuthsaich ach 'ceann na coille giuthais' agus 's ann an seo a bha giùthsach mòr a shìn a-mach gu tuath bhon àite.

Chìthear iomradh gu tric air ainmean co-cheangailte ri tobar is fuaran is tiobar no tiobairt, mar eiseamplair, ann an Diùra, tha Port an Tiobairt, far an tigeadh maraichean air tìr airson uisge fhaighinn.

Bha cuid de thobraichean is fuarain ainmeil is thigeadh daoine thuca gu bitheanta airson buadhan leigheis an uisge.

Chithear ainmean lusan is luibhean ann an iomadh ainm-àite, a leithid Abhainn Lusa san Eilean Sgitheanach agus Allt nan Luibhean ann an Loch Abar is Lòn Biolaireach ann am Muile.

Faodar an aithisg a leughadh air làrach-linn Buidheann Nàdair na h-Alba.