Seirbheis bhusaichean troimh-chèile air sgàth Covid
- Air fhoillseachadh

Tha pròiseas Deuchainn is Dìon co-cheangailte ri cùisean ùra den choròna-bhìoras ann an Leòdhas air seirbheis bhusaichean nan eilean a chur troimhe-chèile.
Bha trì cùisean às ùr air an dearbhadh Oidhche Dhiardaoin co-cheangaile ri cùis Diardaoin, a thug air a' chomhairle Bun-sgoil Steòrnabhaigh a dhùnadh airson dà latha.
Cha bhi busaichean na comhairle a' ruith Dihaoine ach tràth sa mhadainn agus aig sia uairean.
Bheir an suidheachadh buaidh air clàr-ama bhusaichean Lochs Motors Transport Dihaoine cuideachd.
Tha seirbheisean eile gu Nis agus anns na Hearadh cuideachd fo bhuaidh.