Cead do phlanaichean buidseit

Published

Thug comhairlichean Gàidhealach cead do planaichean buidseit airson na bliadhna ionmhais a tha romhpa.

Tha airgead airson dèiligeadh ri luchd-turais as t-samhradh am measg nam planaichean, is dùil ri mòran luchd-tadhail bho nach bi daoine airson a dhol gu dùthchannan cèin air sgàth Covid.

Thèid £1.5m a chosg air sreath de phròiseictean mar leasachaidhean a thaobh ghoireasan do bhànaichean-càmpachaidh, parcadh aig àiteachan far am bi luchd-turais a' dol agus taighean-beaga poblach.

Thèid a' chìs chomhairle a reòthadh, is Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a dh'fhaighinn taic a bharrachd bho Righaltas na h-Alba airson pàigheadh airson a' phoileasaidh.

Thuirt ceannard buidheann dùbhlanach an SNP, Raymond Bremner, gun robh comhairlichean a' faireachdainn gun robh bun-structar na turasachd feumach air leasachadh an dèidh trioblaidean a bhith ann an-uiridh.