Neach-coiseachd sàbhailte às dèidh iomairt teasairginn

Published
image captionCarbadan sgioba-teasairgainn

Chaidh neach-coiseachd a thoirt gu sàbhailteachd às dèidh dhaibh a dhol air chall anns na beanntan faisg air Loch Glascarnoch, eadar Ulapul is Inbhir Nis.

Chuireadh fios air na seirbheisean èiginn oidhche Mhàirt gun robh an neach-coiseachd air a dhol air chall air a' bheinn 'Am faochagach' ann an ceò tiugh agus chaidh Sgioba-teasairginn Bheanntan Dhùn Dòmhnaill a ghairm mu 9f.

Bha 18 buill bhon sgioba an sàs anns an iomairt le taic bho dhà chù teasairginn bho sgioba SARDA.

Fhuair tè de na coin, Meg, lorg air an neach-choiseachd mu 00:40m.

Rinn an luchd-teasairiginn measadh air an neach-choiseachd a-rèir riaghaitlean Chovid agus thugadh air ais gu sàbhailteachd iad.