Cead ga mholadh do leasachadh turasachd

Published
image copyrightGordon Hatton / Geograph
image captionOighreachd Chaisteal Dhùnaidh.

Tha oifigich-dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead a thoirt do leasachadh turasachd ann an Sgìre na h-Àirde.

'S i a' chompanaidh aig an tè-gnothaich Ann Gloag a tha air cùl iarrtais 'son loidsichean is eile a thogail faisg air a' Mhanachainn.

Chuir Gloag Investment Properties planaichean air adhart 'son 50 loidse, làrach glampachaidh agus togalaichean eile a thogail air fearann faisg air Caisteal Dhùnaidh.

'S ann le Ann Gloag a tha Oighreachd Chaisteal Dhùnaidh.

Tha draghan air nochdadh am measg eile mun bhuaidh air craobhan is fiadh-bheatha, agus air sàbhailteachd rathaid.

Ach tha oifigich-dealbhachaidh ag ràdh gu bheil cothrom ann leasachadh turasachd aig àrd ìre a chruthachadh, gun milleadh mòr sam bith a dhèanamh.

Thèid na planaichean a dheasbad le comhairlichean air comataidh dealbhachaidh a chinn a deas Dimàirt seo tighinn.