Cha robh seirbheisean aiseig Bharraigh 'math gu leòr'

Published
image captionCha robh ach aon sheòladh eadar tìr-mòr is Barraigh, Colla agus Tiriodh sna deich làithean mus do ghluais CalMac an MV Hebrides gu deas airson na seirbheisean a ghiùlain air an deireadh-sheachdain.

Cha robh na seribheisean aiseig a bha aig muinntir Bharraigh bho chionn ghoirid math gu leòr dha coimhearsnachd sam bith.

Sin a rèir Bhall-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar Alasdair Allan.

Cha robh ach aon sheòladh eadar tìr-mòr is Barraigh, Colla agus Tiriodh sna deich làithean mus do ghluais CalMac an MV Hebrides gu deas airson na seirbheisean a ghiùlain air an deireadh-sheachdain.

Tha an MV Isle of Lewis agus an Clansman fhathast anns an doca.

Buaidh air coimhearsnachd

Thuirt Mgr Allan gun robh e air a bhith a' bruidhinn ri ministearan Riaghaltas na h-Alba mu na duilgheadasan ann am Barraigh.

"Bha mise dìreach a' dèanamh na puing nach eil seo math gu leòr do choimhearsnachd sam bith.

"Agus bha an aon seòrsa rud a' tachairt ann am Barraigh bliadhna air ais cuideachd.

"Bha trì seachdainean ann, ann am Barraigh, far nach robh aiseag a' dol 'son còig là ann an sreath, thachair sin an-uiridh.

"Mar sin, tha mi dìreach a' dèanamh na h-argamaid gu bheil buaidh air coimhearsnachd sam bith far a bheil a leithid a' tachairt", thuirt e.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar aig an deireadh-sheachdain gun robh an t-seirbheis 'briste'.

Le dàil air na bàtaichean ùra a tha gan togail air Chluaidh, tha Mgr Allan ag ràdh gum feumar coimhead air dòighean eile 'son laigsean san lìonra a leasachadh.

Thuirt e gu bheil e a' dèanamh ciall coimhead air roghainnean eile a th' ann, leithid bàtaichean a thoirt air mhàl - sin ma tha gin rim faighinn.