Prògram a'coimhead air beatha Theàrlaich Cheannadaich air BBC ALBA

Published

Thèid prògram telebhisein a chraoladh air BBC ALBA Dimàirt a' coimhead air beatha seann cheannard nan Lib Deamach, Teàrlach Ceannadach.

Coimheadaidh "A Good Man Speaking" air mar a chaidh Mgr Ceannadach a thogail air croit faisg air a' Ghearasdan agus mar a chaidh a thaghadh mar am ball-pàrlamaid a b' òige san Rìoghachd Aonaichte ann an 1983.

Bhuannaich e roinn Ros ,Cromba & an t-Eilean Sgitheanach agus chuir e an uair sin seachad 32 bliadhna aig Westminster.

Bha e air a bheò-ghlacadh le deoch làidir agus b' fheudar dha a dhreuchd a leigeil seachad mar cheannard nan Lib Deamach air sàilleabh a thrioblaid.

Chaill e a sheat pàrlamaid ann an 2015.

Chaochail e anns an Òg-mhìos 2015.

Bidh "A Good Man Speaking" air BBC ALBA oidhche Mhàirt aig 2100.