Ionadan-deuchainn Chovid-19 aig barrachd stèiseanan-smàlaidh

Published

Thèid barrachd stèiseanan-smàlaidh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd a chleachdadh airson deuchainnean Chovid-19.

Bho Dhimàirt bidh 7 stèiseanan eile a' tabhann dheuchainnean do dhaoine air a bheil comharran den Choròna-bhìoras.

Bidh iad sin ann an Dòrnach, Baile nan Granndach, Ath Tharracail agus ann an Tunga.

Ann an Earra Ghàidheal, bidh iad air Tairbeart Loch Fìne, ann an Cobh air Loch Long agus san Archar.

Faodar deuchainnean a chur air dòigh le bhith fònadh gu NHS na Gàidhealtachd air 01463 706015.

Feumar fhathast dearbhadh fhaighinn gum bi na stèiseanan a leanas a' tabhann dheuchainnean bho mheadhan na h-ath mhìos: Ulapul, Port Rìgh, An t-Ath Leathann, an Gearasdan agus Loch Carrann.