A' chiad bhàs air sgàth Covid sna h-Eileanan Siar
- Published
Tha NHS nan Eilean Siar air a' chiad bhàs san sgìre le Covid-19 mar phrìomh adhbhar a' bhàis a chlàradh.
Thuirt Àrd Oifigear an ùghdarrais slàinte, Gordon Jamieson, gun robh an co-fhaireachdainn le teaghlach an euslaintich aig an àm dhuilich seo.
Dhearbh iad cuideachd air an deireadh-sheachdain gun tàinig am bhìoras air dithis às ùr san sgìre.
Tha an obair airson toirt seachad na banachdaich a' leantainn; fhuair 739 duine i Disathairne aig trì làraichean am Barraigh, Steòrnabhagh agus Beinn na Faoghla.