Dòchas gum bi Mòd Nàiseanta Rìoghail ceart ann am bliadhna
- Published
Tha boillsgeadh dòchais ann gum bi Mòd Nàiseanta Rìoghail anns an riochd àbhaisteach ann an Inbhir Nis san Dàmhair am-bliadhna.
An-uiridh, b' fheudar seòrsa de Mhòd a chur air dòigh air-loidhne le suidheachadh a' Choròna-bhìorais.
Tha an An Comunn Gàidhealach dòchasach gum fàg mar a tha barrachd is barrachd dhaoine a' faighinn na banachdaich, gun gabh an fhèis chultarail a chumail am-bhliadhna.
Thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn, Ailean Caimbeul, nach dèan iad co-dhùnadh deireannach chun a' Ghiblein: "Aig an àm sin, thig oirnn a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean a tha gu bhith a' cosg airgid agus feumaidh sinn a bhith cinnteach an uair sin dè an t-slighe tha sinn a' dol a ghabhail."
Mòd air-loidhne
Fiù's ged a dh'aontaicheadh iad a dhol air adhart leis a' Mhòd, ghabh Mgr Caimbeul ris gum faodadh gun toireadh riaghailtean a thaobh a bhith a' seinn còmhla buaidh air farpaisean.
''S dòcha gum bi e na dhùbhlan aig cuid de na còisirean a bhith deasaichte ann an àm, ach tha sinn uile beò ann an dòchas aig an ìre seo."
Thuirt Mgr Caimbeul gun robh iad am beachd coimhead air mar a ghabhas barrachd den Mhòd a chur air-loidhne airson agus gum faigh an fheadhainn nach gabh a bhith an làthair blasad air na tha a' dol.
"Thug e cothrom do na dhaoine sin air feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail sa chuirm a rinn sinn an-uiridh, agus chan eil sinn a' dol a chall sealladh air na drochaidean a thog sinn agus bidh sin a' coimhead air ciamar a ghabhas an glèidheadh agus fiù 's an leudachadh sna bliadhnaichean a' dol air adhart," thuirt e.