Co-labhairt an t-Alltan a' dol air-loidhne

Published
image copyrightBBC

Thèid a 'cho-labhairt bhliadhnail do luchd-obrach foghlam Gàidhlig, an t-Alltan, air adhart air-loidhne am-bliadhna.

'S àbhaist dha a bhith na chruinneachadh mòr san Aghaidh Mhòir ach thèid a chumail gu bhiortail am-bliadhna, mar fhreagairt do bhacaidhean Chovid agus cùisean eile a bha ga dhèanamh doirbh do dhaoine a bhith an làthair sna bliadhnachan mu dheireadh.

Tha an tachartas air a chur air dòigh le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, buidheann nan goireasan foghlaim Gàidhlig.

Cothrom

Thuirt ceannard Stòrlann, Dòmhnall MacGilleMhoire, gun robh e cudromach a bhith a' tuigsinn mar a tha cùisean an-dràsta ann a bhith ag ullachadh an tachartais.

"Tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn agus gu bheil an cothrom againn a dhol air-loidhne le leithid seo de thachartas", thuirt e.

'''S e co-chur air beachdan, modhan-obrach, agus fiosrachadh a th' aig cridhe an Alltain co-dhiù".

Thuirt Joanne McHale, Manaidsear Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig: "Tha sinn an comain Stòrlann airson an tachartas a tha seo a ghluasad air-loidhne gus taic a thoirt do luchd-obrach ann am foghlam Gàidhlig aig gach ìre."

Measgachadh

Thèid measgachadh de thachartasan bhiortail, webinars, seiseanan Q&A beò agus bùithtean-obrach fìor-àm a chumail.

Tha an ceangal ri làraich-lìn na co-labhairt fosgailte a-nis agus tha e fosgailte do luchd-obrach foghlam Gàidhlig gu lèir.