Etape Loch Nis dheth chun an Lùnastail

Published
image copyrightTim Winterburn

Chaidh Etape Loch Nis, a bha gu bhith air a chumail anns a' Ghiblean, a chur dheth chun an Lùnastail air sgàth Covid-19.

B'fheudar dhan fheadhainn a tha a' ruith an turais, a tha a' dol timcheall Loch Nis, a chur dheth buileach an-uiridh.

Bu chòir dhan turas, a tha 66 mìle a dh'fhaid, a bhith air a chumail air an 22mh dhen Lùnastal a-nis.

Bidh sluagh mòr a' gabhail pàirt ann agus bidh na rathaidean dùinte fhads a tha e a' gabhail àite.

Thuirt Stiùiriche an tachartais, Calum Mac an t-Sutharlannaich, gu bheil iad air an tàmailteachadh nach urrainn dhaibh an turas a chumail anns a' Ghiblean, ach nach gabh sin a dhèanamh air sgàth suidheachadh Covid-19.