Bàsan Covid ann an dachannan-cùraim
- Published
Thàinig e am bàrr gu bheil 13 duine a bh' ann an dachannan-cùraim ann an Inbhir Ghòrdain a-nis air bàsachadh le Covid-19.
Bha ochdnar aca ann an dachaigh Castle Gardens.
Chaochail còignear aig Taigh Chinn Tìre.
Ann an Inbhir Pheofharain, tha triùir air bàsachadh aig Fodderty House.
Thèid na bàsan a sgrùdadh agus chaidh a ràdh gun tèid fios a chumail ris na teaghlaichean.