Trioblaidean uisge Cholla

Published
image copyrightGetty Images

Chan eil uisge glan airson òl - rud bunaiteach dhuinn uile - na thrioblaid mar as trice ann an dùthaich mar Alba.

Ach an Eilean Cholla feumaidh cuid siubhal sia mìle airson an t-uisge sin fhaighinn à tap air a' chidhe.

Tha dàrna leth an eilein air siostaman uisge prìobhaideach, ach le riaghailtean teann a thaobh glainneid 's sàbhailteachd, feumaidh iad an tap aig Airidh nan Gobhar a chleachdadh.

Tha dragh ann le Covid gu bheil cus dhaoine a' seasamh faisg air a chèile a' feitheamh faighinn chun an tap 's tha comhairle choimhearsnachd an eilein a-nis ag iarraidh fuasgladh ceart far am faigh a h-uile duine ann an Colla uisge glan bho Uisge na h-Alba.

Uabhas

Thuirt comhairliche na sgìre, Ruairidh MacCuthais: "Chuir e iongnadh agus uabhas orm nuair a chuala mi nach robh ach 50% dhen sluagh ann an Colla ceangailte ri siostam an uisge - tha mòran obrach ri dhèanamh ann an Colla.

"Tha sinn am measg nan dùthchannan as beartaiche air an t-saoghail - agus tha e duilich do dhaoine ann am fear dhe na h-eileanan againn uisge glan fhaighinn."

Tha Uisge na h-Alba a' cumail botail uisge aig ionad giollachd an uisge, ach a-rèir na comhairle coimhearsnachd, thuirt Uisge na h-Alba gur ann do dhaoine ceangailte ris an t-siostam a tha iad, leis gum bi iad a' pàigheadh chìsean.

Tha a' choimhearsnachd a' coinneachadh ri comhairlichean na sgìre a-rithist air an 27mh den Fhaoilleach leis an amas plana a chur air dòigh gus fuasgladh fhaighinn.