Iasgairean a' call a-mach air taic

Published

Tha coltas ann nach fhaigh bàtaichean-iasgaich grèim dhen £23m de thaic-airgid riaghaltais a chaidh fhoillseachadh mar airgead-dìolaidh do ghnìomhachasan an iasgaich agus a' mhaoraich.

'S e companaidhean giullachd a gheibh a' bhuannachd às agus an fheadhainn a bhios a' reic èisg is mhaoraich dhan Roinn Eòrpa.

Tha na companaidhean a' call airgid a thaobh trioblaidean a th' aca a' reic dhan EU as dèidh Brexit. Ach tha na h-iasgairean a' call a-mach cuideachd.

Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail is Turasachd an Alba, Fearghas Ewing, gun robh an suidheachadh mì-reusanta agus a' fagail a' ghnìomhachais ann an staid chugallach.

Tha e ag ràdh gum feum seo atharrachadh agus tha e a' feitheamh air fiosrachadh cinnteach mu dheidhinn ciamar a thèid an t-airgead a roinn a-mach.

Call

Chan fhaigh na gnìomhachasan a tha a' faighinn an taic còrr is £100,000 agus tha cuid de ghnìomhachasan ag ràdh gu bheil iad air cus a bharrachd na sin a chall bho thoiseach na bliadhna.

Chaidh £100m a thabhainn do ghnìomhachas an iasgaich aig deireadh na bliadhna airson leasachadh bhàtaichean agus goireasan giullachd ach tha an gnìomhachas ag ràdh nach eil gu leòr an seo.

Tha iad ag ràdh gur e an trioblaid as motha a th' aca an-dràsta a bhith a' faighinn cleachdte ris an obair teastanais is an obair phàipeir a th' aca. Tha cosgaisean an lùib na h-obrach pàipeir a bharrachd.

Thathar ag iarraidh dàil de shia mìosan air na riaghailtean malairt ùra airson cothrom siostaman ùra a chur air dòigh agus gus am faigh iad cleachdte riutha.

As aonais, thathar ag ràdh gun tèid cosnaidhean agus gnothachasan a chall.