Soilleireachadh a dhìth mu thaighean croite is cosgaisean cùraim

Published

Tha Buidheann Thar Phàrtaidh na Croitearachd gus sgriobhadh gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh soilleireachadh air am bu chòir do dh'ùghdarrasan ionadail a bhith a' cleachdadh taighean croite airson cosgaisean cùraim.

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar beachd laghail gu bheil iad fhèin agus comhairlean eile ceart ann a bhith a' coimhead air taighean croite mar stòras calpa.

Tha luchd iomairt ag ràdh nach eil an sin ach beachd agus gu bheil a Chomhairle ceàrr.

Aig coinneamh air-loidhne de Bhuidheann Thar Phàrtaidh na Croitearachd Dimàirt an 26mh den Fhaoilleach, mhìnich Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, seasamh na comhairle.

Sin nach robh an suidheachadh air atharrachadh thàiris air na bliadhnaichean agus gum bu chòir coimhead ri taighean croite mar stòras calpa agus an cleachdadh airson cosgaisean cùraim dhaoine a phaigheadh ma bhios sin a dhìth.

Beachd laghail

Fhuair a chomhairle beachd laghail air an-seo an toiseach ann an 2004 agus a-rithist bho chionn ghoirid.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad cuideachd air an aon ràmh ri comhairlean eile ann an Alba far a bheil a cheist seo ag èirigh.

Chaidh ath-chuinge gu Pàrlamaid na h-Alba bho chionn dà bhliadhna ag iarraidh air an riaghaltas gnothaichean atharrachadh ach chan eil gluasad air tighinn.

Thàinig beachd bhon choinneamh gum feum stiùir no co-dhùnadh tighinn bhon a riaghaltas agus tha Buidheann Thar Phàrtaidh na Croitearachd a' dol a' sgrìobhadh chun a riaghaltas ag iarraidh soilleireachadh air a chùis.