'S i tè à Cataibh Croitear Òg na Bliadhna

Published
image copyrightCaidreachas Croitearachd na h-Alba
image captionTha Helen a' cumail faisg air ceud caora

Chaidh Helen O'Keefe, a bhuinneas do dh'Ailbhinn ann an Cataibh, a thaghadh mar Chroitear Òg na Bliadhna.

Bha riochdairean bho Chaidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF), Coimisean na Croitearachd agus Urras MhicDhonnachaidh a' measadh na chuir e a-steach airson na co-fharpais.

Thuirt cathraiche an SCF, Dòmhnall MacFhionghain, gun robh na farpaisiche uile fìor làidir agus gun robh an saothar agus mar a tha iad a' cleachdadh an cuid talmhainn na adhbhar misneachd.

"Tha gach duine ri mholadh agus nan sàr thosgairean do chroitearachd ach fhuair sinn air geàrr-liosta de thriùir a dhèanamh: Adam Veitch à Banbhaidh, Cheryl Nic an t-Saoir às an Eilean Sgitheanach agus Helen O'Keefe à Ailbhinn.

"Chan urrainn ge-tà ach aon duine a' chùis a dhèanamh agus 's e boireannach air leth dripeil a th' ann an Helen."

Brosnachadh do bhoireannaich eile

Thòisich Helen le sia caoraich Shealtainneach bho chionn trì bliadhna agus tha a-nis faisg air ceud beathach aice, feadhainn dhiubh a chaidh a chur do rùda Beltex.

Bidh i a' reic uan, feòil-chaoraich, clòimh agus snàth. Tha i a' cuideachd a' reic uighean, glasraich agus measan bhon chroit aice.

A bharrachd air a bhith a' ruith cafaidh ann an Ailbhinn stèidhich i bùth air-loidhne, The Green Bowl, a tha a' tabhann feòla, ghlasraich agus mheasan bho luchd-àraich agus gàirnealairean eadar Ulapul agus Assainte.

'S i clàrc Comataidh Ionaltraidh Ailbhinn agus tha i gu mòr an sàs ann a bhith a' cur air adhart grunn phròiseactan.

Bidh i a' misneachadh bhoireannach eile a dhol an sàs ann an croitearachd agus a' toirt trèanaidh dhaibh,

Thuirt Helen fhèin gun robh i air a dòigh ghlan an duais fhaighinn.

"'S e fìor urram a th' ann oir tha fios agam gu bheil tòrr chroitearan òga eile ann a tha a' dèanamh sàr obrach.

"Tha e uabhasach math gu bheil SCF a' toirt seachad na duaise seo airson obair chroitearan òga a thaisbeanadh agus airson òigridh eile a bhrosnachadh a dhol an sàs ann an croitearachd.

"Bu mhath leam taing mhòr a thoirt dha na britheamhan airson mo thaghadh, agus taing dhan bhaile. Cha bhithinn air an duais fhaighinn as aonais na taice a thug iad dhomh ach sin obair croite dhut, nach e!"