Ceathrar air an goirteachadh an Inbhir Nis

Published
image copyrightJASPERIMAGE

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh do chàr bualadh ann an togalach an Inbhir Nis oidhche Dhiardaoin.

Chaidh ceathrar - boireannach aois 43, agus triùir fhireannach aois 32, 38, agus 42 - a bh' anns a' chàr, a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir 's iad air an goirteachadh.

Thuirt na poilis gun robh na fireannaich air an goirteachadh gu dona, ach nach eil iad ann an cunnart am beatha.

Bhuail am Mercedes E220 ann an seann bhùth gheallaidh aig ceann Sràid a' Ghranndaich le Rathad Loch Aillse mu 9:10f.

Chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air an togalach, agus bha an rathad dùinte Dihaoine fhad 's a bhathar a' dèanamh measadh structarail.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair bruidhinn riutha, gu h-àraid ma tha dealbhan dashcam aca.

Tha na poilis cuideachd air a bhith a' rannsachadh an dèidh mar a chaidh fireannach aois 91 a ghoirteachadh 's e a' coiseachd an Inbhir Narann nuair a bhuail dà chàr ann.

Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir 's e air a dhroch ghoirteachadh.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu ceann Rathaidean Thurlow agus Seafield ann an Inbhir Narann mu 5:00f Diardaoin.