Cuireadh ga thoirt do Mhinistear an Iasgaich

Published

Chaidh cuireadh a thoirt do Mhinistear Iasgaich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Seòras Eustace, coinneachadh ri iasgairean às na h-Eileanan Siar a chluinntinn mun èiginn anns a bheil an gnìomhachas às dèidh Bhrexit.

Tha riaghailtean malairt ùra a' ciallachadh gu bheil trioblaidean mòra aca a' cur èisg agus maoraich gu margaidhean Eòrpach.

Thuirt Seòras Eustace a-rithist Diardaoin nach eil an seo ach beagan trioblaid aig toiseach-tòiseachaidh, 'teething problems' thuirt e, agus gu bheil airgead dìolaidh ann dhan ghnìomhachas.

B' iad BPA agus BP nan Eilean Siar, Alasdair Allan is Aonghas Brianan MacNìll, a thug cuireadh do Mhgr Eustace.

"Chan eil mi cinnteach a bheil George Eustace a' tuigsinn mar a tha cùisean an-dràsta - chan eil daoine ag iasgach," thuirt Mgr Allan.

"'S e tubaist mhòr a th' ann an sin, agus an fhreagairt a tha a' tighinn bhon Riaghaltas ann an Westminster, 's e dìreach "bithibh foighdinneach".

Tha maill aig a' chrìch ris an Aonadh Eòrpach ri linn riaghailtean ùra cusbainn air gnìomhachas an iasgaich fhàgail ann an cruaidh-chàs air a' mhìos seo, le cuid de chompanaidhean a bhios a' giùlain maoraich is èisg dhan EU ag ràdh gu bheil iad ann an cunnart a dhol à bith.

Feumaidh maorach gu sònraichte, ach iasg cuideachd, a bhith taobh thall Chaolais Shasainn taobh a-staigh là - gu leòr dheth air turas fada a ghabhail à Alba mar-thà - airson a bhith ann an staid ùr gu leòr airson a reic.

Chan eil sin a' tachairt ge-tà, 's làraidhean a' feitheamh làithean mus faigh iad air na tha iad a' giùlain a reic.

Chan eil na companaidhean a bhiodh a' ceannach bho iasgairean cinnteach air cothrom reic, 's chan eil iad a' ceannach. Mar sin dheth, tha eathraichean nan tàmh.

Tha Riaghaltas Bhreatainn ag ràdh gun tig piseach air cùisean an ceann ùine.

"Tha cùisean a' fàs caran èiginneach.

"Chan eil e comasach do dhuine sam bith aig a bheil eathar iasgaich a bhith a' feitheamh gun stad airson faighinn a-mach am bi freagairt a' tighinn on Riaghaltas ann an Lunnainn.

"'S e cùis èiginn a th' ann agus feumaidh iad sin aideachadh, agus bruidhinn ris na h-iasgairean mu dheidhinn," thuirt Mgr Allan.