Gnìomhachas an uisge-bheatha a' sireadh faochaidh

Published

Tha Comann Uisge-beatha na h-Alba ag ràdh gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte obrachadh le Ceann-suidhe ùr nan Stàitean Aonaichte gus taraifean air a' ghnìomhachas a thogail cho luath 's a ghabhas.

Chaidh taraif 25% a chur air Mac-na-Braiche singilte anns na Stàitean Aonaichte ann an 2019.

Chuir riaghaltas a' Chinn-suidhe Trump seo an sàs mar thoradh air mì-thoileachas mu shubsadaidhean Eòrpach 'son na companaidh adhair Airbus.

Aig an dearbh àm, tha dùthchannan Eòrpach air a bhith a' gearan mu thaic stàite a tha Boeing a' faighinn anns na Stàitean Aonaichte.

Tha gnìomhachas an uisge-bheatha ann an Alba ag ràdh gu bheil iadsan glaicte ann an cogadh malairt is gu bheil iad a' fulang.

Còmhraidhean

Thuirt iad gu bheil e riatanach gun tig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu aonta le riaghaltas ùr Joe Biden.

"Bha còmhraidhean ann an-uiridh a bha an ìre mhath adhartach", thuirt àrd-oifigear Chomann Uisge-beatha na h-Alba, Karen Betts.

"Tha sinn ag ràdh ris an Riaghaltas gum feum iad togail air sin agus aonta a dhèanamh.

"Tha sinn ag ràdh riutha fiù 's ged nach biodh e comasach an gnothach gu lèir a rèiteachadh, gum bu chòir dhaibh aonta fa leth a dhèanamh leis na Stàitean Aonaichte a chuireadh às dha na taraifean air uisge-beatha Albannach, agus gu dearbh air na taraifean a chuir an EU agus an Rìoghachd Aonaichte air uisge-beatha Aimeireaganach.

"Leigeadh sin leis a' ghnìomhachas againn tòiseachadh air faighinn seachad air seo", thuirt i.