Rabhaidhean aimsire aig tuath

Published
image copyrightMaree NicNeacail

Tha rabhaidhean aimsire a' leantainn air a' Ghàidhealtachd Diardaoin is Dihaoine.

Chaidh rabhadh buidhe 'son sneachda is deighe a chur an sàs fad an là Diardaoin agus gu meadhan-là Dihaoine.

Tha seo a' toirt a-steach sgìre fharsaing de thìr-mòr na Gàidhealtachd

Thuirt Oifis na Sìde gu bheil dùil ri sneachd trom is gaoth mhòr.

Dh'innis iad gu bheil a h-uile coltas ann gum bi buaidh air na rathaidean is air seirbheisean còmhdail eile.

Thuirt iad gur dòcha gum bi buaidh cuideachd air cumhachd an dealain is siognailean fòn-làimhe ann an cuid de sgìrean.

Deigh

Tha Oifis na Sìde a-nise air rabhadh buidhe eile a sgaoileadh 'son deighe air a' chosta an iar eadar 4f Diardaoin is 10 sa mhadainn Dihaoine.

Bheir seo buaidh air a' chosta an iar air fad.

Thuirt Oifis na Sìde gu bheil coltas ann gum bi rathaidean is cabhsairean sleamhainn.

A bharrachd air seo, tha rabhadh buidhe eile ann 'son uisge a bheir buaidh air Gallaibh.

"Tha na bacaidhean a th' ann a thaobh Covid-19 a' ciallachadh nach bu chòir do dhaoine an taigh fhàgail ach ma tha e deatamach co-dhiù, is bu chòir do dhaoine beachdachadh a bheil dha-rìribh feum aca a bhith a' siubhail", thuirt Rùnaire na Còmhdail, Mìchael MacMhathain.

"Dh'fhaodadh gun toir sneachd buaidh air rathaidean is còmhdail san fharsaingeachd, is mar sin ma dh'fheumas sibh turas riatanach a dhèanamh nuair a tha rabhadh aimsire ann, tha e cudromach gum bi sibh faiceallach is gun lean sibh comhairle Phoileas Alba", thuirt e.