Rabhadh às ùr mu Chovid air a' Ghàidhealtachd

Published
image copyrightReuters

Chaidh iarraidh às ùr air muinntir na Gàidhealtachd riaghailtean a' Choròna-bhìorais a leantainn 's an àireamh as motha fhathast de dhaoine a' faighinn dlùth-chùraim san ospadal san sgìre.

Tha ochdnar a-nise ann an ionadan ICU air sgàth Covid-19 ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd.

Uile gu lèir tha 32 duine san ospadal leis a' bhìoras san sgìre.

Chaidh 44 cùis ùr a dhearbhadh Diciadain.

Stiùireadh

Thuirt am BPA Gàidhealach, Maree Todd, a tha cuideachd na ministear ann an Riaghaltas na h-Alba, gu bheil na figearan seo a' sealltainn cho cudromach 's a tha e gun cum daoine ris an stiùireadh a th' ann.

"Tha e a' cur nar cuimhne uair eile gum bu chòir dhuinn na riaghailtean a leantainn.

"Tha fios againn gu bheil iad ag obair is tha an àireamh de chùisean a' tuiteam, ach mar as trice tha beàrn eadar cùisean san fharsaingeachd tuiteam agus lùghdachadh anns na th' anns na h-ospadail.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil piseach a' tighinn air an t-suidheachadh air a' Ghàidhealtachd agus air feadh na h-Alba, ach tha rabhadh an seo le ochdnar ann an ionadan ICU san sgìre againn.

"Sin barrachd na bh' againn sa chiad shuaile den bhìoras an-uiridh. Tha e cho cudromach 's a ghabhas gun tarraing sinn uile còmhla is gum faibh sinn smachd air seo", thuirt i.

Air feadh Alba, tha dotairean ag ràdh gu bheil barrachd euslainteach le Covid ann an ospadail na h-Alba an-dràsta na bha aig àm sam bith bho thoisich am pandemic.