Boillsgeadh dòchais ann am Barraigh

Published

Chaidh dà chùis ùr de Chovid-19 a dhearbhadh anns na h-Eileanan an Iar.

Tha an dà chùis ann am Barraigh far a bheil a-nise 47 cùis de Chovid-19 ann uile gu lèir.

Dh'innis NHS nan Eilean Siar gu bheil an dà chùis ceangailte ri cùis eile is gun robh an dithis neach gan cumail fhèin fa leth mar-thà.

Thuirt iad nach eil duine eile gan cumail fa leth ri linn nan cùisean ùra seo.

Nochd Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, boillsgeadh dòchais 'son a' chiad turas mun t-suidheachadh ann am Barraigh.

"Ged a tha e ro thràth a bhith ro dhòchasach, tha na h-àireamhan an-dràsta a' dol air an t-slighe cheart", thuirt Mgr Jamieson.

"Feumaidh mi a ràdh ris a h-uile duine agus ri muinntir Bharraigh gu seachd àraid, tha e cho fìor chudromach ma thig comharran sam bith oirbh gun cum sibh fa leth sa bhad agus gun cuir sibh deuchainn air dòigh cho luath 's a ghabhas.

"Bheir sin dhuinn an cothrom as fheàrr a th' ann smachd a chur air a' bhìoras", thuirt e.

Uibhist a Deas

Thàinig cuideachd barrachd fiosrachaidh am bàrr mu chlustair ùr den Choròna-bhìoras ann an Uibhist a Deas.

Chaidh trì cùisean a dhearbhadh an sin oidhche Mhàirt.

Mhìnich NHS nan Eilean Siar gu bheil an triùir ceangailte ri chèile ged nach eil iad a' fuireach san aon dachaigh.

Thuirt iad gu bheil 11 duine gan cumail fa leth ri linn 's gun robh iad faisg orra.

Dh'innis am bòrd-slàinte leis gun do chum an triùir a th' ann fa leth bho dhaoine eile cho luath 's a thàinig comharran orra, agus an àireamh de dhaoine a bha faisg orra an ìre mhath ìosal, gu bheil iad dòchasach nach sgap an clustair.

Tha am bòrd-slàinte cuideachd ag innse gu bheil prògram na banachdaich a' leantainn anns na h-Eileanan.

Thuirt iad gum bi clionaig cho mòr 's a bh' aca fhathast ann Diardaoin nuair a gheibh 460 duine banachdach.