Ionad banachdaich ùr air fosgladh an Steòrnabhagh

Published

Dh'fhosgail ionad banachdaich ùr ann an Steòrnabhagh Diardaoin le cuireadh ga thoirt do 460 duine tadhal air a' chlionaig ann an Ionad Spòrs Leòdhais.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a-nis air tòiseachadh air a' bhanachdach a thoirt do dhaoine nas sine na 75.

Sin an dàrna ìre phrìomhachais.

Anns a' chiad phàirt den obair, bhathar a' toirt prìomhachais do luchd-obrach seirbheis na slàinte, agus luchd-obrach is luchd-còmhnaidh dhachannan-cùraim, agus daoine nas sine na 80.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil am prògram banachdaich a' gluasad air adhart gu cunbhalach.