Draghan gan nochdadh mu dhachaigh-cùraim

Published

Thog Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim na h-uimhir de dhragh mu Dhachaigh-Cùraim Home Farm ann am Port Rìgh far an do chaill deichnear de luchd-còmhnaidh am beatha le Covid-19 an-uiridh.

Thadhail luchd-sgrùdaidh air Home Farm air a' mhìos seo chaidh agus a-rithist aig toiseach na mìos seo.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gu bheil luchd-còmhnaidh a' faighinn deagh chùraim ach thog iad dragh mu ghlainnead san togalach san fharsainneachd agus anns a' chidsin.

'S e a' bhuidheann Strathburn Care, a bhuineas do NHS na Gàidhealtachd, a tha a' ruith na dachaigh.

Ghabh am bòrd-slàinte smachd air an dachaigh gu h-oifigeil san t-Samhain, is e air a ruith leis a' chompanaidh HC-One ron sin.

Sgrùdadh

Chaidh na draghan seo a chlàradh nuair a thadhail a' Bhuidhean-Sgrùdaidh air an dachaigh gun rabhadh air an 23mh là den Dùbhlachd, 's a-rithist air an 6mh agus 7mh den Fhaoilleach.

Thuirt an aithisg gun robh an togalach fhèin ann an droch staid, 's gun robh sin a' fàgail glanadh doirbh, 's a' dèanamh gannrachadh nas coltaiche.

Thug a' bhuidheann litir a' nochdadh nan draghan seo gu NHS na Gàidhealtachd air an 8mh là den Fhaoilleach, a' mìneachadh na dh'fheumas a bhith air a dhèanamh sa bhad.

Thadhail sgioba Slàinte Àrainneachdail air an dachaigh air an 13mh den Fhaoilleach agus dhearbh iad gun deach an obair a bha èiseil a dhèanamh.

Ann am brath-naidheachd, thuirt NHS na Gàidhealtachd ged nach robh iad air an làn-aithisg fhaighinn, gu bheil iad air cluinntinn bhon Bhuidhinn-Sgrùdaidh.

Thuirt am bòrd slàinte gun robh iad ag aithneachadh gun robh leasachadh a dhìth a thaobh glainnead ann an cuid de dh'àiteachan agus air obair-stiùiridh a thaobh an togalaich agus smachd a chumail air tinneasan bho bhith a' sgaoileadh.

Thuirt iad gun do thòisich iad ag obair air sin gu sgiobalta airson piseach a thoirt air cuid de na trioblaidean, agus gu bheil iad air plana leasachaidh a chur an ghìomh 'son nam mìosan a tha romhainn.