Masg lannsaireachd riatanach aig NHS na Gàidhealtachd
- Published
Chaidh na riaghailtean a thaobh masgaichean air làraichean NHS na Gàidhealtachd a theannachadh.
Feumaidh daoine masg lannsaireachd a bhith orra seach còmhdach aodainn sam bith eile.
Dh'fhoillsich NHS na Gàidhealtachd fiosrachadh mu na h-atharrachaidhean seo oidhche Chiadain, agus thòisich am poileasaidh ùr sa bhad.
Roimhe bha e ceadaichte còmhdaichean aodainn, seach masgaichean lannsaireachd a chleachdadh ann an ospadail agus ionadan cùraim a tha fo smachd a' bhùird slàinte.
Ach a-nis, feumaidh luchd-obrach, euslaintich agus luchd-tadhail masgaichean lannsaireachd a chleachdadh.
Thèid a leithid de mhasgaichean a thoirt seachad air na làraichean seo.
Tha am bòrd-slàinte cuideachd air na riaghailtean airson an luchd-obrach aca ann an oifisean agus suidheachaidhean eile far nach eil euslantaich an làthair a theannachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 21 Am Faoilleach