A' Ghàidhlig ann an Kentucky

Published
image copyrightAngry Aspie
image captionLouisville, Kentucky.

Tha oidhirp air tòiseachadh air a' Ghàidhlig a neartachadh ann an Kentucky anns na Stàitean Aonaichte.

San stàit a thug dhan t-saoghal Muhammad Ali - an Louisville Lip - tha fear Àdhamh Dahmer airson cànan nan Gàidheal a chur air bilean an t-sluaigh.

Air ais air bilean an t-sluaigh gu dearbh, is Àdhamh ag innse gun robh, uair dhan robh saoghal, Gàidheil gu leòr ann an Kentucky, ged nach eil iad ach gu math gann san là an-diugh.

"Tha ceangal làidir ann ach ceangal robach", dh'innis Àdhamh air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal.

"Ann an àm mo shin sheanar bha tòrr Ghàidheal ann", thuirt e.

Planaichean

Tha Àdhamh dìreach air tilleadh gu Kentucky, no Ceanndachaidh mar a tha e fhèin a' gabhail air, às dèidh dha Gàidhlig ionnsachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Is tha e air amas nach beag a chur roimhe fhèin: a' Ghàidhlig ath-bheothachadh às ùr ann an Kentucky.

Rinn e toiseach-tòiseachaidh air an obair sin anns na làithean mu dheireadh le clasaichean Gàidhlig a thabhainn air-loidhne. Is tha e a' cumail a-mach gu bheil adhbhar-misneachd ann.

"Tha mi airson Gàidhlig a bhrosnachadh an seo agus ath-bheothachadh ann an da-rìribh.

"'S e am plana gum bi seòrsa de choimhearsnachd de luchd-labhairt ann, ach aig an ìre seo tha mi dìreach a' lorg dhaoine sa choimhearsnachd mar-thà aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig.

"Tha tòrr ann oir tha mòran dhaoine ann an Louisville aig a bheil sinnsearan Gàidhlig. Mar sin, tha iadsan measail air a' chànan ged nach eil an cànan fhèin aca a-nise", thuirt e.

Cruinneachadh

Tha suidheachadh Chovid-19 a' fàgail gum fuirich na clasaichean air-loidhne a' chiad ghreis, ach tha Àdhamh an dùil gun tig an là nuair a bhios cothrom aig luchd-ionnsachaidh tighinn cruinn còmhla.

Gu follaiseach tha obair mhòr ro Àdhamh Dahmer ann an Kentucky ach mar a tha an sean-fhacal ag innse dhuinn, togar càrn mòr de chlachan beaga.

Gheibhear air fios a chur air an seo.

Dealbh de Louisville bho Angry Aspie le cead creative commons.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh