Cha deach cùisean ùra a dhearbhadh am Barraigh Disathairne

Published

Cha deach cùisean ùra sam bith a dhearbhadh ceangailte ri sgapadh a' choròna-bhìorais ann am Barraigh Disathairne.

Ach dh'innse NHS nan Eilean Siar gun deach mòran dheuchainnean a dhèanamh an-dè agus gu bheil dùil ri toraidhean nan deuchainnean sin oidhche Dhòmhnaich.

Tha an àireamh chùisean air an eilean aig 27 uile gu lèir le dithis diubh sin fhathast anns an ospadal air tir-mòr agus tha còrr air 110 duine air an comharrachadh mar fheadhainn a tha air a bhith faisg air neach a fhuair dearbhadh gu bheil an galar orra.

Innealan

Dh'iarr am Bòrd a-rithist, ma bhios comharran dhen bhìoras air neach sam bith, iad fhèin a chumail fa leth sa bhad agus deuchainn a chur air dòigh air 01851 601 151 no air wi.covid19queries@nhs.scot

Thug iad rabhadh seachad gum bu chòir daoine cùram a ghabhail ann a bhith a' cleachdadh innealan a bhios daoine eile a' cleachdadh, letihid innealan banca, agus na làmhan aca a nithe ro agus às dèidh an cleachdadh, 's bhiodh e nas fhèarr buileach innealan mar seo a sheachnachadh far a bheil sin comasach.

Aig a cheart àm thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil còrr is 2,500 neach sna h-Eileanan an Iar a-nis air a' chiad dòs de bhanachdach Covid 19 fhaighinn.

Banachdach

Dh'innis iad gun d'fhuair daoine nas sine na 80 bliadhna a dh'aois a bha anns a' bhuidheann le prìomhachas, agus luchd-obrach slàinte agus cùram, a' bhanachdach.

Thèid e nise a thoirt seachad do dhaoine a tha nas sine na 80 agus nach urrainn gluasad a-mach às na dachaighean aca.

Ma tha duine sam bith a tha nas sine na 80 agus comasach gluasad bho na dachaighean aca, agus nach d'fhuair e, dh'iarr iad orrasan fòn a chur gu 0808 196 8383 airson àm a chur air dòigh 'son fhaighinn.

Thèid fios a chur air daoine a tha nas sine na 75 bliadhna a dh'aois mu cuin a gheibh iadsan a' bhanachdach a dh'aithghearr.