Neach-sgrùdaidh eucoir fiadh-bheatha ùr an Alba
- Published
Chaidh neach-sgrùdaidh ùr ainmeachadh a nì sgrùdadh air eucoir fiadh-bheatha air feadh na h-Alba.
Tha Gavin Ross na oifigear le Poileas Alba agus chaidh fhastadh aig deireadh na bliadhna an-uiridh.
Bidh e ag obair aig ìre ionadail agus nàiseanta còmhla ri oifigearan poilis fiadh-bheatha eile, Riaghaltas na h-Alba, an RSPB, an SSPCA, Oighreachdan agus Fearann na h-Alba agus NatureScot, a' bhuidheann a tha a' maoineachadh na dreuchd.
'S e na prìomh amasan a bhios aige dèiligeadh ri geur-leanmhain air eòin-chreachaidh, poidseadh agus sealg-gearra mì-laghail.
An dreuchd as fheàrr
Tha an Conastabal Ross air a bhith ag obair dha na Poilis airson 21 bliadhna, agus bha e mu dheireadh na oifigear poilis coimhearsnachd ann an Dùn Bàrr.
Tha eòlas farsaing aige air eucoir fiadh-bheatha, obair poilis coimhearsnachd agus obair oideachaidh.
Thuirt e gur e an dreuchd seo fhaighinn an rud a b' fheàrr a thachair chun seo na obair.
"Rinn mi ullachadh mòr airson an agallaimh a bh' agam airson na h-obrach agus bha mi a' dùraigeadh gu mòr gum faighinn i," thuirt e.
Peanasan nas cruaidhe
Thuirt Ministear nan Cùisean Dùthchail agus na h-Àrainneachd, Ben Mac a' Phearsain, gur e prìomhachas do Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh ri eucoir fiadh-bheatha.
"Bidh sinn ag obair gu dlùth le grunn bhuidhnean airson dèanamh cinnteach gun tèid eucoirich a thoirt gu lagh.
"Bho Achd Fiadh-Bheatha agus Ainmhidhean, a chuireadh ann an lagh bho choinn ghoirid, tha peanasan airson na h-eucoir fiadh-bheatha as miosa nas cruaidhe, agus tha e a' toirt barrachd ùine do Phoileas Alba cùisean a sgrùdadh."