Milleadh aig Pàirc a' Chlaiginn

Published

Thuirt Cluba Ball-Coise a' Ghearasdain gu bheil iad air an uabhasachadh às dèidh mar a chaidh milleadh a dhèanamh aig an dachaigh aca aig Pàirc a' Chlaiginn.

Dh'innis an cluba gun deach suidheachain a bhriseadh is gun deach botail bhriste fhàgail.

A bharrachd air sin, thuirt iad gun robh cuideigin air faighinn a-steach dhan taigh-chluba, is gun deach feur ùr a chur iad air a' phàirc 'son cuideachadh le drèanaigeadh a thogail.

Dh'iarr an Gearasdan air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis tighinn air adhart.

Tàmh

Tha Lìog na Gàidhealtachd an-dràsta na tàmh is a' mhòr-chuid de lìogaichean ball-coise na h-Alba air stad 'son co-dhiù trì seachdainean ri linn suidheachadh a' Choròna-bhìorais.

Bha Covid-19 mar-thà air fàgail nach do thòisich Lìog na Gàidhealtachd chun na Samhna.

Le droch shìde air bualadh air clubaichean bhon uairsin, cha do chluich an Gearasdan ach aon gheama san lìog thuige seo, geama a chaill iad 10-0 ri Brùra.

A dh'aindeoin mar a tha cùisean, thuirt rùnaire Lìog na Gàidhealtachd, Rod Houston, an t-seachdain seo gu bheil e misneachail fhathast gun tèid aca air an seusan a chrìochnachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo