Connspaid mu ionad-dheuchainnean an Inbhir Nis
- Published
Thàinig e am bàrr gun deach ionad dheuchainnean airson Covid-19 ann an Inbhir Nis a dhùnadh fad trì là is am bhìoras air tighinn air grunn den luchd-obrach.
Tha e a-nise fosgailte a-rithist.
'S e a' chompanaidh Mitie a tha a' ruith an ionaid a tha suidhichte ann am pàirc-chàraichean prìomh-oifis Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha an t-ionad air a dhealbh gu sònraichte do dhaoine nach eil a' cleachdadh càr, is cothrom aca coiseachd tron ghoireas agus deuchainn a dhèanamh.
Thathas a' tuigsinn gun d' fhuair sianar den luchd-obrach dearbhadh gun robh an Coròna-bhìoras orra.
Glanadh
Tha mu 30 duine ag obair aig an làraich is tha timcheall air an dàrna leth a-nise gan cumail fa leth.
Cho-dhùin Mitie an t-ionad a dhùnadh gu h-eadar-amail oidhche Shathairne.
Tha Sgioba Dìon Slàinte NHS na Gàidhealtachd air tadhal air an làraich agus às dèidh glanadh mionaidich, dh'fhosgail e às ùr madainn Diciadain.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad cuideachd air trèanadh a bharrachd a chur air dòigh do luchd-obrach a tha an urra ri smachd gannrachaidh.
Tha am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd, Rhoda Ghrannd, air rannsachadh iarraidh air mar a thòisich an sgapadh is mar a chaidh a làimhseachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 26 An Dàmhair 2020