BBC Naidheachdan

Rabhadh sneachda

Published
image copyrightMaree NicNeacail

Tha Oifis na Sìde air rabhaidhean a chur an sàs airson Diciadain is Diardaoin agus tha Poileas Alba ag iarraidh air daoine gun a bhith a' siubhal mura h-eil e fìor dheatamach.

Tha an Rabhadh Orainds airson pàirt den Ghàidhealtachd eadar 3:00f Diciadain is 10:00m Diardaoin.

Tha an Rabhadh seo a' ciallachadh gum faodadh beatha dhaoine a bhith ann an cunnart agus gur dòcha gun tèid maill air goireasan siubhail 's gun caillear cumhachd an dealain.

Dh'innis iad gu bheil cunnart ann gun toir seo buaidh air rathaidean agus air slighean air talamh àrd gu sònraichte.

Thuirt Oifis a' Mhet gu bheil dùil ri 4" (10 cm) de shneachda air talamh iosail, 's 8" (20cm) air talamh àrd ro mhadainn Diardaoin.

Tha Rabhadh Buidhe ann mar thà airson deigh agus tha sin an sàs gu 9:00f Diardaoin.