BBC Naidheachdan

Grantaichean airson ghoireasan aig tuath

Published

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' toirt seachad còrr is £190,000 airson trì pròiseactan leasachaidh eadar Inbhir Pheofhrain is Ceasag a Tuath.

Thèid £25,000 a chosg air taighean-beaga anns a' Chananaich agus Ros Maircnidh, le £100,000 a' dol gu obair-leasachaidh air talla a' bhaile ann an Inbhir Pheofharain.

Bithear a' cosg £71,364 air goireasan a sgeadachadh aig ceann-rathaid Cheasaig a Tuath air an A9 far am faod dràibhearan stad airson fois a ghabhail no sùil a thoirt air na seallaidhean.

Stòras

Tha an t-airgead seo a' tighinn bho Stòras nam Bailtean agus feumar an obair a thòiseachadh anns a' Mhàrt am-bliadhna agus a bhith deiseil ron t-Sultain 2021.

Thuirt Cathraiche Comataidh an Eilein Duibh, Inbhir Pheofharain agus Sìophort, an Comh. Gòrdan Adam, gu bheil an stòras seo ag amas air taic a thoirt do ghnìomhachas an togail, agus gur ann gu h-àraidh air companaidhean ionadail a bhithear ag amas airson nam pròiseactan seo.

"Tha mi a' smaointinn gum bi na pròiseactan seo nam buannachd dha na coimhearsnachdan, agus gum bi iad math cuideachd dhan luchd-turais nuair a tha cead aca tilleadh dhan Ghàidhealtachd às dèidh a' Phandemic."