BBC Naidheachdan

Cùis eile de Chovid-19 co-cheangailte ri Barraigh

Published

Dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gun deach cùis eile de Chovid-19 a dhearbhadh co-cheangailte ri sgaoileadh ann am Barraigh.

Chaidh dà chùis a dhearbhadh Diluain. Tha an dithis neach san ospadal is chaidh aonan dhiubh a thoirt gu Tìr-Mòr.

Dh'innis am bòrd-slàinte gu bheil cuideigin eile a bha faisg air aon de na daoine sin a-nise air an dearbhadh leis a' bhìoras cuideachd.

Thuirt iad nach eil an neach seo ann am Barraigh an-dràsta is gu bheil iad gan cumail fhèin fa leth air Tìr-Mòr.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil an àireamh de chùisean co-cheangailte ris an sgaoileadh a-nise aig 3.

Deuchainnean

Dh'innis am bòrd-slàinte cuideachd gu bheilear a' feitheamh air toraidhean bho ghrunn dheuchainnean eile, is gu bheil grunn dhaoine gan cumail fhèin fa leth ri linn an sgaoilidh ann am Barraigh.

Thuirt àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gum bu chòir dhan a h-uile duine agus muinntir Bharraigh gu sònraichte, a bhith cho faiceallach 's a ghabhas is a bhith a' leantainn nan riaghailtean a th' ann.

Dh'iarr e air daoine an cumail fhèin fa leth sa bhad is deuchainn a chur air dòigh ma thig comharran de Chovid-19 orra.

Aig an dearbh àm, chaidh casg eadar-amail air luchd-tadhail aig Ospadal is Dachaidh Cùraim Naomh Bhrianan ann am Barraigh às dèidh dhan sgaoileadh san eilean nochdadh.