BBC Naidheachdan

Dust air a lorg an Earra-Ghàidheal

Published
image copyrightPoileas Alba
image captionChunnacas Tony Parsons mu dheireadh air an 29mh là den t-Sultain 2017

Lorg poilis dust mhic an duine 's iad a' rannsachadh mar a chaidh fireannach, aois 63, a dhìth ann an Earra-Ghàidheal ann an 2017.

Chunnacas Tony Parsons mu dheireadh faisg air Taigh-Òsta Drochaid Urchaidh toiseach na Dàmhair 2017, 's e air turas rothair dhan Ghearasdan, 's dùil aige tilleadh dhachaidh a Thulach Cultraidh ann an Siorrachd Chlach Mhanainn.

Chaidh an dust a lorg faisg air Drochaid Urchaidh Dimàirt.

image copyrightPoileas Alba
image captionChaidh Mgr Parsons tro Bhaile Ghlinn Chomhann air a' bhaidhseagal aige, 's chunnacas mu dheireadh e faisg air Taigh-Òsta Drochaid Urchaidh.

Thèid rannsachadh post mortem a dhèanamh nuair a tha an dust air a thogail, gus dearbhadh cò a bh' ann.

Chaidh fios a chur air teaghlach Mhgr Parsons, 's tha iad ann an conaltradh cunbhalach leis na Poilis.

Chuireadh dithis fhireannach an grèim air an 30mh là den Dùbhlachd an co-cheangal ri mar a chaidh Mgr Parsons a dhìth.

Chaidh an dithis, aois 29, a shaoradh gus an tèid tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.