Riaghailtean Covid gan teannachadh
- Published
Tha riaghailtean a thaobh biadh takeaway agus ceannach "click and collect" às na bùithdean an Alba gan teannachadh, ann an oidhirp maill a chur air sgapadh a' Choròna-bhìorais.
Cha bhi cead ach aig bùithdean a tha a' reic rudan deatamach, leithid aodach, brògan, uidheamachd leanabain, stuth dachaigh agus leabhraichean, seirbheis "click and collect" a thabhainn.
Feumaidh ge-tà, stuth a bhith air a thogail san t-suidheachadh sin a-muigh, le beàrn eadar daoine a bhith a' nochdadh.
Chan fhaod daoine a dhol am broinn àiteachan bìdhe airson takeaway a thogail no òrdugh a dhèanamh. An àite sin feumar biadh a lìbhrigeadh tro dhoras no uinneig.
"Gu math dùbhlanach"
Tha seo am measg sia riaghailtean ùra a thig a-steach aig 12:00m Disathairne.
Tha casg cuideachd ga chur air a bhith ag òl deoch-làidir air a' bhlàr a-muigh ann an sgìrean fo Ìre 4 - Tìr-Mòr na h-Alba air fad, agus cuid de na h-eileanan.
Thèid cuideachd stiùireadh reachdail fhoillseachadh do luchd-fastaidh gus taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair aig an taigh.
"Tha an suidheachadh a tha mu ar coinneimh a thaobh a' bhìorais gu math dùbhlanach," thuirt am Prìomh Mhinisteir Nicola Sturgeon.
"Feumaidh sinn a h-uile rud as urrainn dhuinn a dhèanamh gus àireamhan chùisean a lùghdachadh - tha seo riatanach gus cuideam a thoirt far an NHS, agus airson beatha dhaoine a shàbhaladh.
"Aig an àm chritigeach agus chunnartach seo: Fuirichibh aig an taigh. Cuiribh dìon air an NHS. Sàbhailibh beatha."
Faodar stuth a cheanach le "click and collect" aig na seòrsaichean bhùithdean a leanas:
- bùithdean aodaich is bhrògan
- bùithdean stuth dachaigh
- bùithdean gàirnealaireachd
- bùithdean uidheamachd leanabain
- bùithdean uidheamachd eileactronaigich (a' gabhail a-steach obair-càraidh)
- bùithdean gearraidh iuchraichean is càradh bhrògan
- bùithdean leabhar