An Gàidheal Quebecach mu dheireadh air bàsachadh
- Published
Tha an tè mu dheireadh de na Gàidheil a rugadh 's a thogadh leis a' Ghàidhlig ann an Quebec, Canada, air bàsachadh.
Dh'fhalbh sinnsearan Sìne NicÌomhair (neé NicCoinnich) à Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas anns na 1850an.
Bhàsaich i air an 30mh là den Dùbhlachd, aois 96.
Na h-òige, bha na ceudan de dhaoine le Gàidhlig sa cheàrnaidh sin de Chanada.
Ceanglaichean le Leòdhas
Rugadh i ann am baile Milan, Quebec, san Iuchar 1924, do Iain N. MacCoinnich agus Christie Mhoireach.
B' ann à Megantic a bha a h-athair, agus na òigesan bha mu 2,000 Gàidheal san sgìre sin.
Bha i fileanta anns an Fhraingis cuideachd, 's i a' fuireach mu dheireadh ann am baile Sherbrooke, far a bheil an Fhraingis aig a' mhòr-chuid.
Chaidh sgioba bho Radio nan Gàidheal a-null a Chanada ann an 2017 a chlàradh prògraim a' comharrachadh 150 bliadhna bho thàinig an dùthaich ri chèile.
Bha Sìne am measg an fheadhainn ris an do choinnich iad airson eachdraidh nan eilthireach Gàidhealach innse.
B' e an riochdaire Catriona Mhoireach a bhuineas do Tholastadh fo Thuath, agus mas deach iad ann bha i air obrachadh a-mach gun robh i fhèin agus Sìne càirdeach.
Bha an aon sinn-sinn-seanair aca agus 's ann an dèidh dhaibh agallamh a dhèanamh le Sìne a dh'innis Catriona dhi mun dàimh eatorra.
"Cha mhòr gun creideadh i e," thuirt Catriona.
"Mar as motha a bha sinn a' bruidhinn 's ann a bu mhotha a bha de Ghàidhlig a' tilleadh thuice."
"Bha e dìreach iongantach a bhith ag èisteachd rithe a' bruidhinn ann an Gàidhlig agus i cho Leòdhasach ged nach do chuir i cas a-riamh ann an Leòdhas!"
Bha Sìne pòsta 48 bliadhna aig Alasdair MacÌomhair, gus an do bhàsaich e ann an 1994.
Tha i a' fàgail còignear do theaghlach, agus 13 oghaichean.