Fàilte air cothrom cèilidh an eileanan Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh
Tha feadhainn a tha a' fuireach ann an eileanan Earra-Ghàidheal air fàilte a chur air an naidheachd gum bi cead aca a dhol a dhachaighean a chèile bho Dhihaoine.
Thàinig seo às an ath-sgrùdadh as ùr aig Riaghaltas na h-Alba.
Tha mì-thoileachas ge-tà, nach eil am poileasaidh a' toirt buaidh air sgìrean eile aig tuath.
Fhuair muinntir nan Eilean Siar is daoine anns na h-Eileanan Mu Thuath cead air a' mhìos seo chaidh coinneachadh a-staigh.
Faodaidh suas ri sianar bho dhà dhachaigh cruinneachadh.
Chaidh sin a sgaoileadh an t-seachdain seo chaidh dha na h-Eileanan Beaga is Ratharsair cuideachd.
A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, thuirt Nicola Sturgeon gum fuirich Earra-Ghàidheal is Bòd aig Ìre 2 an-dràsta, ach gu bheil coltas ann gun gluais an sgìre gu Ìre 1 an ath-sheachdain ma dh'fhuiricheas àireamhan Covid-19 mar a tha iad.
Faiceallach
Agus bho 6f Dhihaoine, bidh cead aig muinntir eileanan Earra-Ghàidheal coinneachadh a-staigh.
Tha eileanaich toilichte mun sin, ged a tha e coltach gum bi fhathast air am faiceall.
"Mar a tha sinn uile an-dràsta, tha sinn a' cur fàilte air rudan le beagan amharas ach tha e gu math gun teagamh, gu h-àraidh sa gheamhradh agus dhaibhsan a tha beagan nas sinne", thuirt Rhoda Meek a tha a' fuireach ann an Tiriodh.
"Tha e math gu bheil an cothrom againn ach tha mi a' smaointinn gum bi tòrr againn a' smaointinn dà thuras air na tha sinn a' dèanamh fhathast, agus a' feuchainn a bhith cho faiceallach is 's urrainn", thuirt i.
Chuir Leas Probhost Earra-Ghàidheal, Ruairidh MacCuthais, fàilte air an naidheachd cuideachd is e ag ràdh gur e faochadh a th' ann do dh'eileanaich a tha air cumail ris na riaghailtean a thaobh Covid-19.
Thuirt an Comh. MacCuthais cuideachd gu bheil dòchas ann a thaobh Ìre 1 'son Earra-Ghàidheal is Bhòid, ach gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gun lean a h-uile an stiùireadh a th' ann.
Thuirt e cuideachd nach bu chòir do luchd-turais a bhith a' tadhal air an sgìre an-dràsta.
Mì-thoileachas
Ach ged a tha toileachas ann an Earra-Ghàidheal, 's e briseadh-dùil a bh' ann do gu leòr eile air a' Ghàidhealtachd nach bi cothrom acasan fhathast a dhol a dhachaighean a chèile.
Dhearbh am Prìomh Mhinistear gu bheil an casg fhathast an sàs air tìr-mòr na Gàidhealtachd agus san Eilean Sgitheanach.
Tha am BPA Tòraidheach 'son na Gàidhealtachd, Éideard Mountain, am measg na tha mì-thoilichte mun sin.
Thuirt Mgr Mountain gu bheil cùisean den Choròna-bhìoras ìosal air a' Ghàidhealtachd gu lèir is gum bu chòir cothrom a bhith aig daoine coinneachadh ann an dachaighean a chèile.
"Tha mi air sgrìobhadh gu Nicola Sturgeon dà thuras mun seo ach ged a tha cùisean fhathast ìosal, chan eil i air na riaghailtean atharrachadh.
"Tha deagh adhbharan ann cead a thoirt seachad. Tha tòrr dhaoine ann a tha a' faireachdainn aonaranach agus air an gearradh dheth.
"Bheireadh cothrom air cèilidh togail do dhaoine a thaobh an slàinte-inntinn", thuirt e.