Sgaoilear BL fìor luath air feadh Alba bhon bhliadhn' ùir

Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair tràth ann an 2021 airson ceanglaichean bann-leathainn fìor luath a thoirt dhan a h-uile dachaigh agus gnìomhachas ann an Alba.

Tha pròiseact Riaghaltas na h-Alba, ris an canar R100, ag amas air an t-seirbheis a lìbhreagadh dha na h-àiteachan as fhaide air falbh bho bhailtean mòra na dùthcha.

Bha iad an dòchas an targaid a ruigheachd ro dheireadh 2021 ach cha tachair sin a-nis an dèidh dùbhlain laghail bho thè de na companaidhean a bha a' farpais airson a' chùmhnaint.

Bha Gigaclear mì-thòilichte leis a' cho-dhùnadh an obair a thoirt do BhT.

Tha am pròiseact a' toirt a-steach gach ceàrnaidh den dùthaich tuath air Dùn Dè agus cosgaidh e £380m.

Dhearbh am Ministear Airson Comas-ceangail, Pòl Wheelhouse, Diluain gun do chuir BT an ainm ri cùmhnant agus gun tòisich an obair sa bhliadhn' ùir.

'S e an dùbhan as motha a bhios ann, a rèir Riaghaltas na h-Alba, 16 càballan a chur fon mhuir airson dèanamh cinnteach gum bi seirbheis sheasmhach aig muinntir eileanan na dùthcha.