Poilis ann an Leòdhas a' sireadh fiosrachaidh mu dhroch thubaist-rathaid

Air fhoillseachadh

Tha na poilis ann an Leòdhas a' sireadh taic a' phobaill an dèidh tubaiste dona air rathad am B859 eadar Griais agus am Bac mu 3.25f Diluain.

Chaidh nighean, 9, a ghoirteachadh san tubaist anns nach robh ach aon charbad, Toyota Yaris liath, an sàs.

Cha tuirt na poilis an robh an nighean air chois neo sa chàr aig àm na tubaiste.

Chaidh an nighean a thoirt a dh'Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh mus deach a sgèith a dh'ospadal ann an Glaschu far a bheil i ann an staid ìosal ach seasmhach.

Bha an rathad dùinte gu 11.50f. fhad 's a rinn oifigearan sgrùdadh air an làraich.

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu na thachair agus ag iarraidh air daoine ris nach do bhruidhinn iad fhathast fios a chur orra.

Tha iad gu sònraichte airson bruidhinn ri daoine aig a bheil dealbhan dashcam a dh'fhaodadh a bhith feumail dhaibh le an rannsachadh.